Al Pacino
From Wikipedia, the free encyclopedia
Tha Al Pacino (Eabhraig Nuadh, 25 an Giblean 1940)[1] na chleasaiche ainmeil Ameireigeanach, a dh'fhàs cliùiteach as dèidh sreath de dh'fhilmichean mìorbhaileach aig toiseach nan 70an, Dog Day Afternoon, Serpico, ach gu h-àraidh The Godfather, far an do chluich e Micheal Corleone. Chluich e Micheal da uair eile anns The Godfather Part II agus The Godfather Part III.
Al Pacino | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Alfredo James Pacino |
Breith | Manhattan (en) , 25 dhen Ghiblean 1940 |
Dùthaich | Na Stàitean Aonaichte |
Teaghlach | |
Càraid |
Beverly D'Angelo Lucila Solá (en) Noor Alfallah (en) |
Clann | |
Foghlam | |
Foghlam |
HB Studio (en) Fiorello H. LaGuardia High School (en) Herman Ridder Junior High School (en) Institiuid Tèatar is Film Lee Strasberg Actors Studio (en) Wake Forest Department of Theatre and Dance (en) |
Cànain | Beurla |
Luchd-teagaisg |
Lee Strasberg (en) Herbert Berghof (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | riochdaire fhilmichean, actair film, actair àrd-ùrlair, actair telebhisein, actair, stiùiriche agus sgrìn-sgrìobhaiche |
Àirde | 168 centimetre |
Obraichean comharraichte |
The Godfather (en) Scarface (en) Serpico (en) Scent of a Woman (en) Dog Day Afternoon (en) Heat (en) |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
|
Ballrachd |
Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans SAG-AFTRA (en) |
Creideamh | |
Creideamh |
Latin Church (en) agnostachd |
IMDb | nm0000199 |
Ged a tha cliù aige mar fear dhe na cleasaichean as fheàrr a bha ann a-riamh, agus bha e air a mholadh sia tursan airson Duais an Acadamaidh, cha d' fhuair e greim air 'Oscar' gus 1991 airson Scent of a Woman far an do chluich e seann saighdear dall.
As dèidh Revolution ann an 1985, film èiginneach mu dheidhinn Cogadh Neo-eisimeileachd nan Ameireaganach, sguir e dheth filmichean a dhèanamh. Ach thill e anns na 90an, far an do nochd e ann an sreath de dh'fhilmichean, 's ged nach robh iad cho math ris a' chuid a rinn a chliù anns na 70an, dhearbh iad àite Phacino mar chleasaiche chudtromach.