From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e bancair, diadhair agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Ásgeir Ásgeirsson (IPA: ˈausceir̥ ˈausceir̥sɔn).[1] Rugadh e air 13 an Cèitean 1894 ann an Kóranesi á Mýrum (Vesturland).[2] Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn á Mýrum, Oilthigh Innis Tìle, Oilthigh Copenhagen, Oilthigh Uppsala agus Oilthigh Dhùn Èideann ach b' ann à Oilthigh Manitoba a fhuair e a dhotaireachd. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1923 agus bha e na labhraiche eadar 1930 agus 1931. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 1932 gu ruige 1934 às leth Framsóknarflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Adhartach). Dh'fhàg e am pàrtaidh seo ann an 1934 agus, mu dheireadh thall, dh'aontaich e ri Alþýðuflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Sòisealta Deamocratach). Fad 16 bliadhna, eadar 1952 agus 1968, b' e gu robh e na fhorseti (Gàidhlig: ceann-suidhe), an dèidh gun do ghabh an dùthaich ris a' phoblachd ann an 1944.[3] Phòs e aig Dóra Þórhallsdóttir ann an (1917).[4] Bha athair Þórhallsdóttir na easbaig agus bha a bràthair, Tryggvi Þórhallsson, na fhorsætisráðherra airson Framsóknarflokkurinn bho 1927 gu ruige 1932. Bha chliamhainn Ásgeirsson, air an robh Gunnar Thoroddsen, na fhorsætisráðherra airson Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd) eadar 1980 agus 1983. Chaochail e ann an Reykjavík air 15 an t-Sultain 1972.
Ásgeir Ásgeirsson | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
20 dhen Lùnastal 1931 - 9 dhen Dùbhlachd 1933 ← Tryggvi Þórhallsson - Eysteinn Jónsson (en) →
3 dhen Ògmhios 1932 - 28 dhen Iuchar 1934 ← Tryggvi Þórhallsson - Hermann Jónasson →
1 dhen Lùnastal 1952 - 31 dhen Iuchar 1968 ← Sveinn Björnsson - Kristján Eldjárn → | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | Governorate of Iceland (en) , 13 dhen Chèitean 1894 | ||||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||||
Bàs | Reykjavík, 15 dhen t-Sultain 1972 | ||||||
Àite-adhlacaidh | Innis Tìle | ||||||
Teaghlach | |||||||
Cèile | Dóra Þórhallsdóttir (en) (1917 - 10 dhen t-Sultain 1964) | ||||||
Foghlam | |||||||
Foghlam |
Oilthigh Copenhagen Oilthigh Innis Tìle | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | neach-poileataigs agus bancair | ||||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||||
Creideamh | |||||||
Pàrtaidh poileataigeach |
Am Pàrtaidh Adhartach Alþýðuflokkurinn |
Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineitean fhad 's a bha Ásgeirsson os cionn an riaghaltais.[5] Bhuinneadh ias uile gu Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:
Ro-theachdair: Tryggvi Þórhallsson (1932) |
Forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Guðmundur Emil Jónsson (1934) |
Chaidh a thaghadh dhan cheannas ceithir tursan. Seo na torridhean a fhuair e:
Bha Ásgeirsson na cheann-suidhe fad sia biadhna deug agus bha ceathrar prìomh-mhinistear, a riochdachadh trì pàrtaidhean fodha fad 's a bha e san dreuchd, mar a leanas:
Ro-theachdair: Sveinn Björnsson (1952) |
Forseti Íslands |
Neach-ionlaid: Kristján Eldjárn (1968) |
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.