Voltaire
From Wikipedia, the free encyclopedia
B’ e François Marie Arouet (IPA fʁɑ̃swa maʁi aʁuˈwe), neo Voltaire (IPA volˈtɛʁ), an t-ainm-brèige a chleachd e mar bu tric, ùghdar agus feallsanach a thug buaidh mhòr air an 18mh linn, gu seachd àraidh air cuimhne coitcheann nam Frangach. Rugadh e air an 21mh latha dhen t-Samhain 1694 ann am Paris, am baile far an do chaochail e air an 30mh latha dhen Chèitean 1788.[1] 'S e a’ chiad cheannard na luchd-innteachail is e an sàs ag obair airson na Fìrinn, a’ Cheartais agus Saorsa na Smuain. Fhuair e an t-ainm pinn sin bho na litrichean AROUET L(e) J(eune), anagram an ainm aige, air an sgrìobhadh ann an Laideann, AROVETLI.[2]
Voltaire | |||||
---|---|---|---|---|---|
1744 - 1750 ← Johann Daniel Schöpflin (en) - Charles Pinot Duclos (en) →
2 dhen Chèitean 1746 - 30 dhen Chèitean 1778 ← Jean Bouhier (en) - Jean-François Ducis (en) → | |||||
Beatha | |||||
Ainm slàn | François-Marie Arouet | ||||
Breith | Paris, 21 dhen t-Samhain 1694 | ||||
Dùthaich | An Fhraing | ||||
Ciad chànan | Fraingis | ||||
Bàs | Paris, 30 dhen Chèitean 1778 | ||||
Àite-adhlacaidh |
Panthéon (en) Abbaye de Sellières (en) | ||||
Teaghlach | |||||
Athair | François d'Arouet | ||||
Màthair | Marguerite d'Aumard | ||||
Cèile | no value | ||||
Càraid | Émilie du Châtelet | ||||
Foghlam | |||||
Foghlam | Lycée Louis-le-Grand (en) | ||||
Cànain | Fraingis | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | feallsanaiche, bàrd, eachdraiche, aistear, sgrìobhaiche-dràma, fèin-bheatha-eachdraiche, sgrìobhadair leabhair-latha, neach-lagha a tha na b(h)àid, sgrìobhadair ficsein shaidheansail, encyclopédistes (en) , correspondent (en) , neach-saidheans poileataigeach agus sgrìobhadair | ||||
Obraichean comharraichte |
Candide (en) Zadig or Destiny (en) Zaïre (en) Letters on the English (en) Dictionnaire philosophique (en) The Huron; or, Pupil of Nature (en) Mahomet (en) Correspondence of Voltaire (en) | ||||
Duaisean a fhuaras | |||||
Buaidh | Blaise Pascal (en) , Cicero (en) , Lucian of Samosata (en) , Pierrre Bayle (en) , Ibn Tufayl (en) , Nicolas Malebranche (en) , Henry St John, 1st Viscount Bolingbroke (en) , Zoroaster (en) , Confucius, Cervantes, William Shakespeare, Jean Racine (en) , Platon, John Locke (en) agus Isaac Newton | ||||
Ballrachd |
An Comann Rìoghail Académie Française (en) Acadamh Phruiseach nan Saidheansan Acadamh Ruiseanach nan Saidheansan Acadamh Rìoghail na Suaine airson Litrichean, Eachdraidh agus Àrsaidheachd Saor-chlachaireachd Accademia della Crusca (en) | ||||
Gluasad |
freethought (en) Soillseachadh diadhachas | ||||
Far-ainmean | Voltaire agus Bénédictin | ||||
Gnè ealain | nobhail | ||||
Creideamh | |||||
Creideamh | neo-dhiadhaireachd | ||||
IMDb | nm0901806 | ||||
Mar Shamhla An t-Soillseachaidh agus ceannard nam Feallsanach (Fraingis: Le Parti Philosophique), tha an t-ainm aige fhathast gu math ceangailte ris an strì ann an dà chuid an aghaidh na Gràinealachd (Fraingis: l’infâme), an t-ainm a thug e do dh’eudmhorachd chràbhach, agus airson adhartas agus ceadachas. ‘S e deist a bh' ann ged-tà, is e dhen bheachd gur e monarcachd chuimseach libearalach, air an soillearachadh leis na “feallsanaich”, an siostam na b’ fheàrr co-dhiù. Bha e dlùth air na uachdaran soillearaichte na Roinn Eòrpa aig àm an t-Soillseachaidh is ghabhadh e bràth mar bu tric air a chuid suaicheantais gus ìobairtich a dhìon bho an neo-cheadachas chràbhach agus an neo-riaghailteachas, mar eisimpleir na cùisean Calas, Sirven, Chevalier de La Barre agus Comte Lally, Dh’Fhàs e na bu chliùitiche air an sàilleabh.
Ged an do sgrìobh e iomadach rud, cha leughar an-diugh ach a chuid fheallsanachd ann an rosg: mar eisimpleir sgeulachdan agus nobhailean (‘s e Candide an leabhar as ainmeile aige), Lettres philosophiques, Dictionnaire philosophique agus na litrichean a sgrìobh e. Thathar a’ leigeil seachad a’ mhòr-chuid dhen dràma, dàn mòr agus na leabhraichean eachdraidheil a fhuair deagh chliù fad na 18mh linne. Tha e cliùiteach fhathast gus an latha an-diugh air sgàth an nòs sgrìobhaidh dreachmhor pongail ìoronasach cruaidh a bh’ aige.
Bha Voltaire còmhla ri daoine mòra fad a bheatha is e cho dèidheil air na rìghrean, gun a bhith a chuid dhìmeas taobh na daoine cumanta fhalach, ach chuir an Riaghaltas dragh airsan cuideachd: chaidh e a thoirt dhan Bhastille is b’ fheudar dha a dhol na fhògarrach gu Sasainn agus Paris fhàgail.[3] Ann an 1749, an dèidh bàis Émilie du Châtelet, an leannan aige fad 15 bliadhna dhe càirdeas gu math stoirmeil, dh’ fhalbh e dhan Phrùis. Cha b’ urrainn dha pàirt cudromach fhaighinn ri taobh h Friedrich II na Prùise ann am Berlin, agus an ceann trì bliadhna chaidh e a-mach leis an rìgh agus dh’ fhàg e Berlin ann am 1753.[4] An ceann greiseig chaidh e gu Délices anns an Eilbheis, faisg air Geneva, mus do cheannaich e oighreachd ann am Ferney-Voltaire dìreach air na crìochan eadar An Fhraing agus Geneva, fada às na daoine chumhachdach, ann an 1759.[5] Dh’fhàs an oighreachd aige na bu luachmhoire agus bha Ferney àite ainmeil airson chultair anns an Roinn Eòrpa air fad. Cha do thill e gu Paris gu ruige gu 1778, is fhuair e urram le daoine a bhith a' seasamh agus a' bualadh bhasan an uair sin. Chaochail e an siud nuair a bha e 83 bliadhna a dh’ aois.[6]
Dìreach mar ghuth na "deagh amannan ann am làithean an iarainn sin" (Fraingis: «bon temps (de) ce siècle de fer!») anns an leabhar Le Mondain, bha Voltaire cho dèidheil air saimheachas agus air aoibhneas a’ bhìdh agus a’ chòmhraidh, agus bha e dhen bheachd gu robh iad, còmhla ris an dràma, na cleachdaidhean na b’ ionnsaichte anns a’ cho-chomann. Chuireadh e uallach air a chuid chomhfhurtachd shaoghalta oir gur e barantas a chuid shaorsa is neo-eisimeileachd a bh' ann. Dh’fhàs e a cho beartach tro sheilbhean baralach gum b’ urrainn dha caisteal a cheannach ann am Ferney ann an 1759, le companaich foghlaimte inntinneach a’ cèilidh air. A dh’aindeoin sin, bha e daonnan aimhreiteach agus gu math fiadhaich leis a chuid nàmhaidean, mar Jean-Jacques Rousseau.[7]
Aig àm Ar-a-mach na Frainge bhite dhen bheachd gur e ro-ruithear a bh’ ann an Voltaire agus an nàmhaid aige Jean-Jacques Rousseau, is chaidh an dust aige a thoirt dhan Panthéon ann an 1791, an dàrna fear an dèidh Honoré Gabriel Riqueti de Mirabeau.[8] Ghlèidheadh an dìleab a leig Voltaire glè chudromach ri linne III Poblachd na Frainge is bho 1870 rachadh an t-ainm aige a chur gu rathad agus ceàrnaig ann am Paris (is beag air bheag gu cidheachan, sràidean, sgoiltean, stèiseanan trèana fo thalamh is a h-uile càil). Anns an 19mh Linn bha na sgrìobh is na smaoinich e aig cnag na cùise anns an strì eadar an fheadhainn a bha an aghaidh agus an fheadhainn a bha airson sgoiltean neo-chràbhach na Stàite, mòran na b’ fhaide na smaoinich na daoine aig àm an t-Soillearachaidh.