Taifa Bhaeza
From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e dùthaich Muslamach basaille - a bha fo chìs do Castilla. - ann An Ibèir nach do mhair ach bho 1224 gu ruige 1226 a bh' ann an Taifa Bhaeza (Arabais: طائفة بياسة). Bha e suidhichte eadar Córdoba agus Jaén, a' gabhail a-steach bailtean cudromach mar Andújar agus Martos. Chaidh a stèidheachadh an dèidh Bhlàir Navas de Tolosa (1212) nuair thuit Impireachd nan Almohad a-mach à chèile ann an Al-Andalus. Ghabh an Rìgh Fernando II à Castilla os làimh an taifa seo ann an 1226, leis gun do chuireadh gu bàs an Rìgh Abd Allah al-Bayasi airson traoidhtearachd ann am baile air a bheil Almodóvar del Río (Córdoba).[1] B' e gun tug Abd Allah al-Bayasi taic do dh' Fhernando II ann an iomadh iomairt cogaidh an aghaidh nan Arabach fhèin.[2]
Quick Facts
Taifa Bhaeza/طائفة بياسة | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1224 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1226 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Bayyasa | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Arabais, Eabhra agus Mosarabais |
Close