B' e dùthaich ann an cridhe Choloimbia ann an Àrdan Cundiboyacense a mhair bho 1450 gu ruige 1540 a bh' ann an Co-nasgadh nan Muisca.[3] B' e Muysccubun an cànan a bha ga bruidhinn sa Cho-nasgadh. Bha i suidhichte far a bheil Boyacá agus Cundinamarca an latha an-diugh, ach ghabhadh a-steach i sgìre neo dhà ann an Santander cuideachd. Thàing Co-nasgadh nan Muisca gu crìoch ann an 1540 nuair a thug feachdan Crùn na Castilla fo stiùir Gonzalo Jiménez de Quesada ionnsaidh air, iomairt fo armachd a mhair bho 1537 gu ruige 1540. B' e Bacatá (Bogotá a-nis) agus Hunza (Tunja an latha an-diugh) a bh' ann prìomh-bhailean a' Cho-nasgaidh, ach bha bailtean eile mar Tundama, Sugamuxi agus Turmequé cudromach cuideachd.[4] Bha dithis Rìgh an sàs anns a' Cho-nasgadh. B'iad seo An Zipa a bha os cionn Bacatá, Zaque bho Hunza, a bharrachd air ceannardan eile.[5]