‘S e baile beag dùthchasail faisg air Blaidneach, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Baile na h-Ùige neo Uigtan (Beurla: Wigtown, Beurla Ghallta: Wigtoun). Tha e suidhichte aig ìre na mara,[4] air Leth-eilean na Machrach, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Baile Ùr nan Stiùbhartach agus Cille Chainneir, ri taobh na h-aibhne Blaidneach,[5] far a shruthas e gu màthair-uisge na Linne Shalmhaigh aig Bàgh Chrìch. Tha e 293km air falbh bho Obar Dheathain, 112km bho Ghlaschu, 58km bho Dhùn Phris agus 145km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Baile na h-Ùige. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd, coilltearachd agus leabhraichean. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[6] Tha Baile na h-Ùige ainmeil mar "Baile nan Leabhraichean Nàiseanta". Tha an gnìomhachas a tha ceangailte ris an leabhraichean gu math cudthromaich airson a' bhaile. Tha e a' gabhail a-steach nas motha na 20 bùth-leabhraichean agus foillsichearan. Tha fèis leabhraichean Baile na h-Ùige as t-fhoghar agus tachartas nas lugha anns a' Cheitean.[7]

Baile na h-Ùige
Thumb
Thumb
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Baile na h-Ùige fhèin[1]
Co-chomharran 54° 52′ 00″ Tuath
04° 27′ 00″ Iar
Comharradh-clèithe NX 433 553
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 987 (2001[2])
Àireamh fòn 01988
Còd-puist DG8[3]

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à wyc (bàgh ann an Lochlannais) agus tun (baile ann an seann Bheurla) a tha an t-ainm.[8] Bheireadh sin Baile a' Bhàigh dhuinn sa' Ghàidhlig an latha an-diugh.

Eachdraidh

Chaidh Baile na h-Ùige a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1296 mar Wyggeton. B' àbhaist dha a bhith na bhaile-shiorrachd. Bha e na Bhorgh Rìoghail le dleastanasan riaghlaidh eadar 1855 agus 1930, nuair a chuireadh às dhan t-siostam,[9] Chaidh sealladh neo dhà às an fhilm The Wicker Man fhilmeadh an seo ann an 1973.[10]

Poileataigs

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Bhuirgh Rìoghail Bhaile na h-Ùige a bhuineas Baile na h-Ùige, a ghabhas a-steach Barrachan, Blaidneach, Cille Chainneir agus Whauphill. Tha 2,200 duine a' fuireach san sgìre air fad.[11] Tha 15 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla na Comhairle, ann am Baile na h-Ùige. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[12]

Gnàth-shìde

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.3 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1127mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Baile na h-Ùige. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann am Baile na h-Ùige.[13] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 62mm eadar an Giblean (dìreach 64mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (126mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.8 °C.

Thumb

Daoine Ainmeil

Còmhdhail

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

  • 415 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Machair.
  • 416 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Whithorn - An t-Sròn Reamhar.[14]

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.