From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e sgrìobhadair às an t-Suain a tha ann an Gustav Torgny Lindgren. Rugadh e ann an Norsjö anns an sgìre Västerbotten ann an 1938.
Torgny Lindgren | |||
---|---|---|---|
20 dhen Dùbhlachd 1991 - 16 dhen Mhàrt 2017 ← Ture Johannisson (en) - Jayne Svenungsson (en) → | |||
Beatha | |||
Breith | Norsjö, 16 dhen Ògmhios 1938 | ||
Dùthaich | An t-Suain | ||
Bàs | Rimforsa (en) , 16 dhen Mhàrt 2017 | ||
Nàdar a’ bhàis | (aillse na stamaig) | ||
Teaghlach | |||
Clann | |||
Foghlam | |||
Cànain | Suainis | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | sgrìobhadair | ||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||
Ballrachd | An Acadamh Shuaineach | ||
IMDb | nm0511867 |
Chaidh a thogail ann an teaghlach mòr. Thuirt e fhèin gun thug sin buaidh mhòr air an stoidhle sgrìobhaidh aige, gu h-àraidh na seann sgeulachdan a chuala e bhon a sheanmhair: "Bha i daonnan ag innse sgeulachdan gu slaodach, fhad 's a bha an teaghlach na shuidhe còmhla timcheall oirre. Cha do chuir dad sam bith stad oirre na dubh oidhcheannan fada a lìonadh le teacsaichean às a Bhìobaill, sgeulachdan às a beatha is beul-aithris nan sinnsirean... Tha an t-seanchas leis an deach mo thogail na phàirt mo bheatha". Fhuair e teisteanas teagaisg bhon Institiud Trèanaidh Umeå.
Ged a thòisich e sgrìobhadh bàrdachd is sgeulachdan bho 1965 a-mach 's e "Ormens väg på hälleberget", (Slighe na nathrach) a' chiad leabhar a bha soirbheachail. Tha an leabhar seo a' cluich ann an Västerbotten, an sgìre far an do rugadh e. Tha e a' dèiligeadh ris an aintighearnas anns an 19mh linn an aghaidh muinntir a bha a' fuireach air an dùthaich ann an ceann a tuath na Suaine. Chleachd Lindgren stoidhle dìreach làn dual-chainnt is abairtean agus ceanglaichean chun a' Bhìobaill. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an 1982 agus rinn Bo Widerberg film dheth.
Canar gur e "Merabs skönhet" (Bòidhchead Mherab), cruinneachadh de sgeulachdan goirid, an leabhar as fheàrr aige.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.