From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e bàrd agus feallsanaiche às an Spàinn agus às na Stàitean Aonaichte a bh' ann an George Santayana (Madrid, 16 an Dùbhlachd 1863 - An Ròimh, 26 an t-Sultain 1952). Aig a bhaisteadh fhuair e an t-ainm Jorge Agustín Ruíz de Santayana y Borrás, ach tha e nas aithnichte an-diugh fon ainm George Santayana a chleachd e airson a cuid sgrìobhaidhean.
George Santayana | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Jorge Agustín Nicolás Ruiz de Santayana y Borrás |
Breith | San Bernardo street (en) agus Madrid, 16 dhen Dùbhlachd 1863 |
Dùthaich | An Spàinn |
Àite-fuirich |
Ávila Beacon Street (en) |
Bàs | An Ròimh, 26 dhen t-Sultain 1952 |
Àite-adhlacaidh | Campo Verano (en) |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (aillse na stamaig) |
Teaghlach | |
Athair | Agustín Ruiz de Santayana |
Màthair | Josefina Borrás |
Cèile | no value |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Harvard Colaiste Harvard Colaiste an Rìgh Oilthigh Humboldt Berlin Boston Latin School (en) |
Cànain |
Spàinntis Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | feallsanaiche, sgrìobhadair, bàrd, nobhailiche, aistear agus neach-teagaisg oilthigh |
Fastaichean | Oilthigh Harvard |
Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
|
Ballrachd |
Acadamh Aimeireaganach nan Ealan is nan Litir Comann Phi Beta Kappa |
Far-ainmean | George Santayana |
Creideamh | |
Creideamh | Christian atheism (en) |
Ged a chùm Santayana a nàiseantachd Spàinnteach fad a bheatha, thogadh agus fhuair e foghlam anns an Stàitean Aonaichte agus thuirt e mu a dheidhinn fhèin gur e Ameireaganach a bh' ann.
Rugadh Santayana ann am Madrid ach fhuair e a àrach òg ann an Ávila, baile na mnà cràbhaich iomraiteach Teresa de Jesús.
Bha a mhàthair, Josefina Borrás, pòsta aig George Sturgis, marsanta bho Bhoston, agus dh'fhuirich i anns a’ bhaile sin gu bàs Sturgis ann an 1857. Le triùir chloinne, thill i do Mhadrid ann an 1861. Thachair i an sin ri seann charaid Agustín Santayana. Phòs iad agus bha aon phàiste aca, Jorge (a bhiodh an uair sin George). Ghabh an teaghlach còmhnaidh ann an Madrid agus Ávila.
Ann an 1869, nuair a bha Santayana sia bliadhna a dh'aois, chaidh Josefina agus a triùir cloinne le Sturgis air ais do Bhoston, a' fàgail George còmhla ri athair ann am Madrid. Lean Agustín agus George i ann an 1872, nuair a bha George ochd bliadhna a dh'aois. Ach cha do chòrd Boston ri Agustín agus thill e na aonar a dh’ Ávila, far an do dh’fhuirich e gu ceann a bheatha.
Chaidh Santayana a dh’Oilthigh Harvard far an do rinn e ceum. As dèidh dà bhliadhna ann am Berlin, thill e a Harvard far an do sgrìobh e tràchdas air saothair Hermann Lotze. Thòisich e feallsanachd a theagasg an sin cuideachd agus am measg a oileanaich bha T. S. Eliot, Robert Frost, Gertrude Stein, Horace Kallen, Walter Lippmann, and W. E. B. Du Bois.
Anns a’ bhliadhna 1912, leig e dheth a dhreuchd agus chaidh e a dh’ fhuirich anns an Roinn-Eòrpa (Ávila, Paris agus Oxford). Mu dheireadh, rinn e imrich don Ròimh, far an do chaochail e ann an 1952. Rè a dhà fhichead bliadhna anns an Roinn-Eòrpa sgrìobh e naoi leabhraichean deug. Cha do phòs e riamh.
A-measg a bhàrdachd, tha a dhàn fada Odes (5 earrannan agus 43 rann ) gu h-àraid sgoinneil, domhainn, feallsanachail. Dh'eadar-theangaich Garbhan MacAoidh cuid de na dàin Santayana is dh'fhoillsich Gairm iad ann an 1979.[1] Seo cuid de na rainn às an eadar-theangachadh Gàidhlig:
II
(”My heart rebels against this generation”)
III
(“Gathering the echoes of forgotten wisdom”)
V
(“Of thee the Northman by his beachèd galley”)
...
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.