From Wikipedia, the free encyclopedia
’S e Ailtire às Na Tìrean Ìsle a th’ ann an Rem Koolhaas (IPA : ˈrɛm ˈkɔːlhɑːs, ainm slàn: Remment Lucas Koolhaas, Rotterdam, 17 an Dàmhair 1944).
Rem Koolhaas | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Rotterdam, 17 dhen t-Samhain 1944 |
Dùthaich | Rìoghachd nan Tìrean Ìsle |
Ciad chànan | Beurla |
Teaghlach | |
Athair | Anton Koolhaas |
Cèile | Madelon Vriesendorp (en) |
Foghlam | |
Foghlam |
Sgoil na h-Ailtireachd aig Comann na h-Ailtireachd Colaiste Oilthigh Cornell airson Ailtireachd, Ealain is Planaidh |
Cànain |
Beurla Gearmailtis |
Dreuchd | |
Dreuchd | ailtire, urban planner (en) , sgrìobhadair agus theorist (en) |
Com-pàirtiche
| |
Àitichean-obrach | Eabhraig Nuadh agus Rotterdam |
Fastaichean | Oilthigh Harvard |
Obraichean comharraichte |
Maison à Bordeaux (en) Kunsthal (en) Nederlands Dans Theater (en) Dutch House of Representatives (en) Seattle Central Library (en) Fondazione Prada Building (en) |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ballrachd | Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans |
Gluasad | deconstructivism (en) |
IMDb | nm0465549 |
B’ e ailtire a bh' ann a sheanair agus sgrìobhadair a bh' ann athair.[1] Nuair a bha e ochd bliadhna a dh’aois, fhuair athair cuireadh prògram cultarail air dòigh san Innd-Innse, leis gur esan fear-iomairt saoradh na dùthcha. Chuir an teaghlach trì bliadhna seachad ann an Jakarta agus thug an turas sin buaidh mhòr air Rem òg.[2] Air ais sna Tìrean Ìsle bha e na neach-aithris leis a’ phàipear-naidheachd De Haagse Post,[3] a bharrachd air a bhith a’ sgrìobhadh sgriobtaichean nam film.
Chaidh Koolhaas dhan sgoil Ailtireachd Architectural Association School of Architecture[4] ann an 1968, nuair a bha e 24 bliadhna a dh’aois, agus an uair sin gu Oilthigh Cornell,[5] ann an Ithaca ann an 1972, far an robh e fo stiùireadh Mathias Ungers. A thuilleadh air sin, chuir e seachad na oileanach aig Institute for Architecture and Urban Studies[6] ann an Eabhraig Nuadh cuideachd. Chuir Koolhaas Oma (Office for Metropolitan Architecture) air dòigh ann an co-bhann le Elia Zenghelis, Zoe Zenghelis agus a bhean Madelon Vriesendorp.[7] Ann an 1978 sgrìobh e an leabhar Delirious New York[8] far a dhearbhaich e a chuid bheachdan-smuainealas taobh Ailtireachd. Dh’fhoillsich e S,M,L,XL, ann an 1995 ann an co-bhann le Bruce Mau, Jennifer Sigler agus Hans Werlemann. ‘S e leabhar uabhasach fada a bh' ann (1,376 duilleagan) ann an stoidhle ùr, a dh’atharraich clò-bhualadh an ailtireachd gu mòr.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.