Lucrețiu Pătrășcanu

From Wikipedia, the free encyclopedia

Lucrețiu Pătrășcanu
Remove ads

B' e eachdraiche, feallsanaiche, riochdaire dioplòmasach, ollamh, eaconamaiche, eòlaiche-comainn, neach-lagha agus neach-poileataigs Comannach à Romàinia a bh' ann an Lucrețiu Pătrășcanu (IPA: ˈluˈkret͡sju pətrəʃˈkanu, Bacău, 4 an t-Samhain 1900 - Jilava, 17 an Giblean 1954).[1] Rugadh agus thogadh e ann am Bacău agus bhuineadh e do theaghlach poileataigeach: bha athair na sgrìobhadair agus neach-poileataigs roimhe. Fhuair e a cuid fhoghlaim aig Oilthigh Leipzig agus Oilthigh Bhucarest. Ghabh e ann am Pàrtaidh Comunnach Romàinia ann an 1921 agus riochdaich e am Pàrtaidh sa cheathramh co-labhairt Comintern ann am Mosgo ann an 1922. Chuir e seachad corra bhliadhna thall thairis san Aonadh Sobhiatach, far an tàinig sgàth airsan mu Stalineachd. Chaidh esan a chur an greim sa phrìosan còmhla ri Gheorghe Gheorghiu-Dej aig àm An Dàrna Cogaidh.[2] Chaidh a chur gu bàs ann an 1948 air ordughan Gheorghe Gheorghiu-Dej. Chreideadh Pătrășcanu gum bu chòir do gach uile ar-a-mach agus atharrachadh poileataigeach a bhith fo stiùir mion-chuid proifeiseanta, an treabh dham buineadh esan fhèin.[3] Bha Pătrășcanu air ath-ghnàthachadh an dèidh a bhàis le Nicolae Ceauşescu.

Quick Facts ball Seòmar Thànaistean Romàinia, Minister of Justice of Romania (en) ...
Remove ads
Remove ads

A chuid Obrach

  • Probleme de bază ale României (1944)
  • Un veac de frământări sociale, 1821-1907 (1945)
  • Sub trei dictaturi (1945)[4]
  • Curente și tendințe în filosofia românească (1946)

Iomraidhean

Loading content...
Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads