sgrìobhaiche Gàidhlig From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e sgrìobhadair, foghlamaiche agus craoladair Gàidhlig à Barabhas, Leòdhas a bh' ann an Iain Moireach (1938-2018). Choisinn e cliù mar sgrìobhadair dràma agus sgeulachdan goirid gu sònraichte leis na sgeulachdan 'Briseadh na Cloiche', 'Feòil a' Gheamraidh' agus 'An Aghaidh Choimheach'. Thug e bliadhnaichean an sàs ann an obair foghlaim agus an craoladh cuideachd.[1]
Iain Moireach | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Barabhas, 1938 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 17 dhen t-Samhain 2018 |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Dhùn Èideann Sgoil MhicNeacail |
Cànain | Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair agus neach-teagaisg |
Gnè ealain | bàrdachd |
Rugadh Iain Moireach ann am Barabhas, Eilean Leòdhais anns a' Mhàrt 1938.[2] Bha e aithnichte leis an ainm Seonaidh Fhionnlaigh.[2]
B’ e Canèideanach, ’s e Canadian veteran, a bha na athair agus b’ e boireannach à Asainte a bha na mhàthair.[3]
Fhuair e foghlam ann an Sgoil MhicNeacail agus aig Oilthigh Dhùn Èideann.[4] Bha e a' teagaisg ann an sgoil ann am Baile nam Feusgan.[5] Bha e na fhear-deasachaidh aig Comann nan Leabhraichean bho 1969.[4] Thuirt e gu tric gum b' e an saothair a bu thlachdmhor a rinn e an siud and deasachadh air Suathadh ri Iomadh Rubha leis a' Phuilean.[6]
An uair sin, thill e a Leòdhas far an robh e an sàs bhon toiseach ann am Pròiseact Dà-Chànanach nan Eilean Siar.[1] Agus an uairsin, mar iar-stiùiriche foghlam aig Comhairle nan Eilean Siar, bha e na mheadhan air iomadh rud a chur air adhart, bhon chompanaidh foillseachaidh Acair gu Cinema Sgìre.[1]
Leis an Dr Fionnlaigh MacLeòid, rinn e iomairt gus companaidh foillseachaidh a chur air chois a chuireadh taic ri Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. B' e Acair a bh' ann le Moireach mar fear de na prìomh stiùirichean.
Sgrìobh Moireach bàrdachd, dealbhan-cluiche agus sgeulachdan goirid. Thuirt e fhèin nach robh roghainn aige ach na h-ìomhaighean a bhiodh a' tighinn thuige a chur air pàipeir.[1] Nochd iomadh sgeulachd aige anns na h-irisean Gairm agus Gath. Chaidh cruinneachaidhean den sgrìobhaidhean fhoillseachadh cuideachd. Nuair a chaidh faighneachd do Shomhairle MacGill-Èain beagan bhliadhnaichean mus do chaochail e cò na sgrìobhadairean Gàidhlig dhan robh spèis aige, b' e Iain Moireach a' chiad fhear a dh'ainmich e.[1]
Sgrìobh Moireach an sgeulachd 'An Tuiteamas' nuair a bha tòrr bruidhinn mu dhaoine a bhith a' siubhal chun na gealaich agus chruthaich e an sgeulachd timcheall air neach-fànais a' tighinn gu talamh.[2]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.