From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e ceòl-sgrìobhaiche ainmeil Gearmailteach a bha ann an Georg Friedrich Händel (Beurla: George Frideric Handel). Rugadh e air an 13 an Gearran 1685 ann an Halle (Saale).
Georg Friedrich Händel | |||||
---|---|---|---|---|---|
16 dhen Ògmhios 1710 - | |||||
Beatha | |||||
Ainm slàn | Georg Friedrich Händel | ||||
Breith | Halle (Saale), 23 dhen Ghearran 1685 (Julian) | ||||
Dùthaich |
Brandenburg-Prussia Ìmpireachd Naomh na Ròimhe Rìoghachd na Breatainne Mòire (1726 - | ||||
Àite-fuirich |
Lunnainn Halle An Ròimh Firenze Napoli Poblachd Venezia | ||||
Ciad chànan | Gearmailtis | ||||
Bàs | Westminster (en) agus Lunnainn, 14 dhen Ghiblean 1759 | ||||
Àite-adhlacaidh |
Poets' Corner (en) Abaid Westminster | ||||
Teaghlach | |||||
Athair | Georg Händel | ||||
Màthair | Dorothea Händel | ||||
Cèile | no value | ||||
Foghlam | |||||
Foghlam |
Oilthigh Halle-Wittenberg (1702 - 1703) | ||||
Cànain |
Gearmailtis Beurla Eadailtis | ||||
Luchd-teagaisg | Friedrich Wilhelm Zachow (mul) | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | ceòl-sgrìobhaiche, harpsichordist (en) , organaiche, cluicheadair fìdheallain, sgrìobhadair oparathan, ceòl-sgrìobhaiche, impresario (en) agus neach-teagaisg oilthigh | ||||
Obraichean comharraichte |
Messiah (en) Water Music (en) Music for the Royal Fireworks (en) Giulio Cesare in Egitto (en) Alcina (en) Serse (en) Concerti grossi, Op. 6 (en) | ||||
Buaidh | A' Ghearmailt, An Eadailt, An Fhraing, Sasainn, Arcangelo Corelli (mul) , Alessandro Scarlatti, Georg Philipp Telemann (mul) , Domenico Scarlatti (en) agus Giovanni Bononcini (en) | ||||
Gluasad | ceòl barocach | ||||
Gnè ealain |
opra oratorio (en) concerto (en) anthem (en) ceòl clasaigeach coronation anthem (en) | ||||
Inneal-ciùil |
Òrgan cruit-chòrda obo | ||||
Creideamh | |||||
Creideamh | Lutharanachd | ||||
IMDb | nm0005594 | ||||
gfhandel.org | |||||
Nuair a bha e na bhalach òg, bha uidh aige ann an ceòl. Air sgàth 's gun robh e comasach, fhuair e oideachas gu math tràth. An dèidh trì bliadhna anns an Eadailt, far an do sgrìobh e a chiad opara, fhuair e obair bho Georg Ludwig von Hannover ann an Hànobhar ann an 1709.
Ann an 1710 chaidh Händel gu Sasainn. Ann an 1714 sgrìobh e am "Wassermusik" (ceòl–uisge) airson fàilte a chur do Georg Ludwig a bha an uair sin air ainmeachadh mar Seòras I, rìgh Shasainn. Chaidh an ceòl a chluich air bàtaichean air Abhainn Thames. Ann an 1719 chaidh an Royal Academy of Music a stèidheachadh le Händel na neach-stiùiridh ceòlach. Ach an dèidh 10 bliadhna bha iad briste. Thòisich Händel a-rithist, ann an 1737 dh’imrich e dhan Covent Garden Theatre. Ach anns an eadar-àm dh’atharraich blas nan daoine agus cha robh mòran uidh aca ann an drama liriceach na bu mhotha. Mar sin thòisich Händel air oratorio a sgrìobhadh; nam measg am fear as ainmeile a rinn e, Messiah (1742). Sgrìobh Händel 42 opara, 25 oratorio, agus ceòl de gach sheòrsa mar ceòl caidreimh, ceòl-foireann, duanagan agus cuirm-chiùil anns an stoidhle barocach; m. e. 1749 Feuerwerksmusik (Music for the Royal Fireworks) airson Rìgh Seòras II.
Chaochail e air 14 an Giblean 1759 ann an Lunnainn agus chaidh a thìodhlacadh ann am Westminster Abbey.[1]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.