Remove ads
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e bàrd Romansach Sloibhiniach a tha ann an France Prešeren (aithnichte anns a’ Ghearmailtis mar Franz Prescheren). Is ann iomraiteach a tha e mar bhàrd nàiseanta na Sloibhìnia. Ged nach robh a chuid sgrìobhaidh glè phailt, bhrosnaich e a h-uile litreachas Sloibhiniach na dhèidh. Rugadh e ann an Vrba sa bhliadhna 1800, agus chaochail e ann an Kranj ann an 1849. Tha e ainmeil gu h-àraidh airson a dhàin fhada Sonetni Venec (Blàth-fhleasg Shonaidean),[1] anns a bheil gràdh a’ bhàird da dhùthaich agus da phoball air an riochdachadh ann an samhladh a ghràidh mhì-shona da leannan Iulia.
France Prešeren | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Vrba (en) , 3 dhen Dùbhlachd 1800 |
Dùthaich |
Impireachd na h-Ostaire Illyrian Provinces Habsburg monarchy |
Bàs | Kranj (en) , 8 dhen Ghearran 1849 |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra |
Teaghlach | |
Cèile | no value |
Càraid | Ana Jelovšek (en) |
Clann |
liosta
|
Sinnsirean |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Vienna |
Cànain |
Slòbhainis Gearmailtis |
Dreuchd | |
Dreuchd | bàrd, neach-lagha, sgrìobhadair agus neach-lagha a tha na b(h)àid |
Obraichean comharraichte | Baptism on the Savica (en) |
Buaidh | Virgil, Friedrich Schlegel (mul) , Friedrich Schiller, Johann Wolfgang von Goethe, Luís Vaz de Camões agus Adam Mickiewicz (mul) |
Gluasad | romantaigeachd |
Tha cruth an dàin seo gu math iomadh-fhillte. Is e co-chruinneachadh de chòig sonaidean deug (gach tè le 14 sreathan) a tha ann. Tha a’ chiad sreath den chiad rann air aithris anns an t-sreath dheireannaich den 14mh sonaid, agus mar a’ chiad shreath den 15mh sonaid (ris an canar ann an Sloibhinis “Magistrale”). Mar an ceudna, is ann a tha a t-sreath deireannach de gach sonaid air aithris anns a’ chiad shreath den ath shonaid. Mu dheireadh, tha an 15mh sonaid air a cruthachadh às na sreathan a thòisich gach tè de na 14 sonaidean eile. Air an dòigh seo, tha na sreathan ro-aithnichte air an ath-aithris trì uairean san dàn gu lèir, agus gach àm ann an co-theacs eadar-dhealaichte.
Chan eil e furasda eadar-theangachadh math fhaotainn air son an fhacal “Magistrale”. Is dòcha gun dèan am facal Gàidhlig “ùrlar” an gnothach, ged nach eil e dìreach ceart. Ann an 1994 dh’ fhoillsich an iris Gairm (Àireamh 167 agus Àireamh 168) eadar-theangachadh Gàidhlig den dàn gu lèir, air a dhèanamh le Garbhan MacAoidh. Seo a' chiad shonaid agus am “Magistrale”:
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.