From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e pròiseact faclaireach a th' ann am Faclair na Gàidhlig a tha a’ cruthachadh faclair eachdraidheil na Gàidhlig.
'S e iomairt eadar-oilthighean a th' ann am Faclair na Gàidhlig, anns a bheil Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Shrath Chluaidh agus Sabhal Mòr Ostaig OGE an sàs.[1]
'S e amas an iomairt faclair eachdraidheil Gàidhlig a chruthachadh a bhios ann an cruth coltach ri na faclairean tomadach eachdraidheil a gheibhear ann an Albais agus ann am Beurla, mar an Dictionary of the Older Scottish Tongue, an Scottish National Dictionary agus an Oxford English Dictionary.[2]
Thèid Faclair na Gàidhlig fhoillseachadh air an eadar-lìon an toiseach.[2]
Bidh am faclair ag obair le na teagsaichean Gàidhlig as tràithe a th' ann gus an latha an-diugh.[2]
Thathas an dùil gum bi am faclair a' gabhail suim air na ceanglaichean a th' eadar Gàidhlig agus Albais gu h-eachdraidheil.[2]
Thèid na faclan a mhìneachadh anns a' Bheurla gus cothrom a thoirt do luchd na Beurla eachdraidh na Gàidhlig a sgrùdadh.[3] Thèid abairtean a thogail bho theagsaichean Gàidhlig gus brìgh nam facal a chur an cèill.[3]
Tha prìomh-oifis an Fhaclair aig Fàs, Sabhal Mòr Ostaig.
Ann an 2019, tha aon neach-obrach làn-ùine air a’ phròiseict, agus ceathrar luchd-comhairle pàirt-ùine.
'S iad buill Comataidh Stiùiridh Faclair na Gàidhig (2019[4])
Fhuair Faclair na Gàidhlig taic bho Riaghaltas na h-Alba, Urras Brosnachaidh na Gàidhlig, Urras Leverhulme, Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Economic & Social Research Council, Arts & Humanities Research Council, an Carnegie Trust for the Universities of Scotland.[7]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.