Entrerríos

From Wikipedia, the free encyclopedia

Entrerríos

'S e baile beag ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a th’ann an Entrerríos. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 2,300m os cionn ìre na mara agus aig astar dhe 60km bho Mhedellín, prìomh-bhaile na roinne. 'S e baile le gnàth-shìde caran fuar a th’ ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 16˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1830.

Quick Facts Cur air cois, Ainm oifigeil ...
Entrerríos
Thumb
municipality of Colombia
Cur air cois1830 
Ainm oifigeilEntrerríos 
Ainm dùthchasachEntrerríos 
DùthaichColoimbia 
Sgìre riaghaltais ionadailNorthern Antioquia, Antioquia 
Roinn-tìdeUTC−05:00 
Domhan-leud is -fhad 
Làrach-lìnhttp://entrerrios-antioquia.gov.co/sitio.shtml 
Thumb
Close

Freumhan an ainm

Tha an t-ainm Entrerríos a' ciallachadh Eadar na h-Aibhnichean, bho dhà fhacal ann an Spàinntis: entre (eadar) bhon fhacal Laideann inter[3] agus río (abhainn) bhon fhacal Laideann rius.[4] Tha e suidhichte eadar na h-aibhnichean Río Grande (Abhainn Mhòr) agus Río Chico (Abhainn Bheag).[5]

Eachdraidh

Thòisich José Ignacio Jaramillo agus Modesto Tamayo am pròiseas airson Entrerríos a chur air bhog ann an 1830.[6] An ceann còig bliadhna chaidh am baile a steidheachadh gu h-oifigeil leis a’ Cheann-suidhe Juan de Dios Aranzazu (17981845), nuair a bha e fhathast na Riaghladair ann an Antioquia. A bharrachd air Entrerríos, steidhich esan 5 bailtean eile ann an Antioquia: Campamento, Ebéjico, Liborina, Girardota agus Cocorná.[7] A tuilleadh air sin, thug e fearann mar thabhartas airson am baile Aranzazu ann an Caldas a steidheachadh cuideachd.

Sluagh a' bhaile

Tha 8,447 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha leth-chuid dhuibh, 4,540 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[8] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[9] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math traidiseanta a th’ann ann am Entrerríos fhathast.

Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Entrerríos, ach tha 6.9% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 92.1% dhe na daoine ann an Entrerríos leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 51.2% dhe na dachannan.[10]

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Entrerríos. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast,[11] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Ceanglaichean a-mach

An t-sìde ann an Entrerríos

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.