'S e Ì, neo Idhe, fear den Innse Gall. Tha Ì ann an Earra-Ghaidheal ann an Alba. A-rèir cunntas-sluaigh 2011 bha 177 duine a' fuireach anns an eilean agus mar sin dh'fhàs àireamh muinntir an eilein bho 125 duine anns a' bhliadhna 2001.[1]
Ì | |
Crois Idhe | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Sgìre | Earra-Ghàidheal |
Innis-mhuir | Muile |
Co-chomharran | 56.333333º T 6.416667º I |
Comharradh-clèithe | NM275245 |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 8.77 km² |
Àireamh-shluaigh | 177 (2013) |
Dlùths | 20.18/km² |
Eachdraidh
Anns a' bhliadhna 563 thàinig bàta gu tìr Eilean Idhe. Am Broinn an currach bha imrich à Èirinn - manaich a bh' annta agus nam measg bha duine a bhiodh cho cudthromoch ann an eachdraidh na Breatainn ri neach sam bith a bha bèo sna meadhan aoisean. 'S e an eaglais a thòisich Calum Cille, ris an can a chuid mhòr do luchd-eachdraidheal an eaglais Ceilteach, a dh'iompaich taobh tuath Breatainn gu creideamh Chrìosd. Am measg nam manachainnean mòra ainmeil a bha stèidhichte fo eaglais Chaluim Chille bha leithid Lindisfarne an tuath Sasainn agus Dharù is Dhoire ann an Eirinn. B' e I fhèin am prìomh eaglais aig na Cruithnich. Bha ceanglaichean mòra eadar na mannaich ann an I agus an teaghlach cùmhachdach o Eirinn, Clann Ui Nèill. Chan ann a mhàinn ri na dùthchannan Ceilteach a bha cùmhachd Eaglais Chaluim Chille ach cuideachd ri gall mar na Lochlannaich (an dèidh dhaibh gabhal ri Crìosd) agus na Sasannaich. Tha rìghrean bhon Nirribhidh agus Sasainn air an tioghlaigeadh air an eilean cuide ri iomadach rìgh bho Dàl Riada, Eirinn, Alba agus eile.
Ainm an eilein
Tha Iona, ainm Beurla an eilein, a' tighinn bho leughadh ceàrr air "Ioua", a tha a' ciallachadh, 's dòcha, "eilean nan craobh iubhair". Bhon a tha ainm an eilein sa Ghàidhlig, "Ì", cho goirid, théid a shìneadh mar as trice gu "Ì Chaluim Chille" no gu "Eilean Idhe" ('s e tuiseal ginideach a tha ann an "Idhe"). Canar "Idheach" ri cuideigin à bhuinneas don eilean, agus canar cuideachd "Ì nam ban bòidheach" ris an eilean. (Fiosrachadh bho Iain Mac an Tàilleir)
Sgrìobhaidhean mu a dheidhinn ann an Gàidhlig
- Dòmhnullach, An t-Urr. Colla, D.D. (1938). 'Eilean I'. Ann an Am Measg nam Bodach. Glaschu: An Comunn Gaidhealach. dd. 25–33.
Aistean co-cheangailte
- Alba
- Dàl Riada
- Pictavia
- Calum Cille
- An eaglais Cheilteach
- An Crèideamh Crìosdaidh
- Manaich
- Sgrios nan Lochlannaich
- Manaichean Ainmeil
- Càrn-cùl-ri-Èirinn
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
Wikiwand in your browser!
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.