bàrd agus sgrìobhadair Uibhisteach From Wikipedia, the free encyclopedia
Rugadh Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill (no Dòmhnall Iain Dòmhnallach) ann am Peighinn nan Aoireann ann an Uibhist a Deas ’sa bhliadhna 1919, an treas leanabh ann teaghlach de cheathrar. B’ e seanchaidh ainmeil a bha na athair, Donnchadh mac Dhòmhnaill ‘ac Dhonnchaidh aig an robh sinnsearachd am measg bàird Chlann Dòmhnaill, na MhicRuairidh, air an Eilean Sgitheanach.[1] Air taobh a mhàthar bha Dòmhnall Ruadh Phàislig aige mar uncail agus b’ e Aonghas MacGille-Eathain, Am Pìobaire Bàn, a shinn-seanair. Bho uncail, Niall, fhuair e eòlas air beul-aithris agus bàrdachd na fillidh cliùmhor. Bha buaidh shònraichte aig pìosan Iain MacCodruim agus dh’ionnsaich e na riaghailtean tradaiseanta airson rannan Gàidhlig a bhuineadh ris an 17mh agus 18mh linn.
Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Peighinn nan Aoireann, 7 dhen Ghearran 1919 |
Dùthaich | Alba |
Ciad chànan | Gàidhlig |
Bàs | 2 dhen Dàmhair 1986 |
Foghlam | |
Cànain |
Beurla Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | saighdear, sgrìobhadair agus bàrd |
Creideamh | |
Creideamh | Caitligeachd |
Aig aois 18 ghabh e àite anns a’ Mhailisidh. Dà bliadhna an deidh sin, thòisich an Dara Cogadh Mòr. “Mu dheireadh thall!” thuirt e ris a phiuthair Anna nuair a chuala e an naidheachd. Cha robh fad sam bith mus robh cothrom aig Dòmhnall Iain faicinn dha fhèin cho borb ‘s a bha cogadh. ‘S an t-Ògmhios 1940, agus iad faisg gu leòr air na tràighean an Dunkirk a mhuir amharc, chaidh an Dibhisean Gàidhealach den arm fhàgail ‘san Fhraing, agus na naoi Airmean aig Rommel mun cuairt orra. Cha robh aca ach gunnaichean làimh agus iad a' sabaid an aghaidh thancaichean Gearmailteach. Mu dheireadh fhuair iad an òrdugh an gunnaichean a chur sìos gus nach biodh an còrr bàis ann.
Anns an leabhar aige, Fo Sgàil a’ Swastika, thug Dòmhnall Iain seachad cunntas dhe na bliadhnachan a chaith e fhèin ‘s a chompanach fo smachd nan Gearmailteach agus iad beò ann an campaichean mar phrìosanaich agus iad ag obair ann am mèinnean salainn agus cuaraidhean. Ach, bha gu leòr càirdeas ri lorg am measg nam prìosanach cuideachd agus thuirt e mun tìde sin “Dh’ionnsaich mi barrachd anns na còig bliadhna sin na b’ urrainn dhomh ann an ceithir fichead bliadhna de bheatha àbhaisteach.”
Cha robh gràin sam bith aige air na Gearmailtich. Bha e dhen bheachd gun robh gu leòr ann a bha co-ionnan eadar na Gàidheil agus na Gearmailtich, ged a bha feadhainn de na ceannardan aca fo riaghail an t-Sàtain, na bheachd-sa.
Bha a chreideamh Caitligeach a-riamh cudthromach dha, agus nuair a dh’atharraich an lagh gus cead a thoirt seachad casg-leigheas fhaighinn bha dragh air Dòmhnall Iain. Fhad 's a bha iomadach neach a' bruidhinn a-mach airson còirichean na màthar cha robh guth ann airson an leanaibh nach d’ rugadh fhathast. Mar bhàrd, thog Dòmhnall Iain a ghuth air an son agus sgrìobh e am pìos ‘An Guth à Broinn na Màthair’.
Annsa na 40an aige bha buaidh nas motha fhathast aig creideamh air a bheatha agus e a' gabhail iongnadh air na draghan a bha mun cuairt anns an t-saoghal air fad. Mun àm a bha e leth-cheud bha e a' smuaintinn air gluasaid tìm agus a' bruadar mun t-saoghal ri teachd. Gu tric bhiodh rannan bhon bàrdachd aige air an cleachdadh le fear a' seasamh ‘sa chùbaid ann an eaglais agus bha buaidh mhòr aig a' Chrìosdaidheachd air tòrr dha obair. A bharrachd air na bliadhnachan a chaill e na phrìosanach aig na Gearmailteach, chuir e seachad fad a bheatha ann an Uibhist a Deas. Bha air leth eòlach air bàrdachd agus beul-aithris tradaiseanta nan Gàidheal agus choisinn e cliù mar aon de na prìomh bàird Gàidhlig a bh’ againn a-riamh.
Bha Dòmhnall Iain mothachail gun robh cho briathrach ‘s a bha am bàrdachd aige ga fhàgail doirbh a thuigsinn, aig amannan, do’n t-sluagh mhòr. Agus tha e coltach gun do rinn e oidhirp stoidhle nas simplidh agus tradaiseanta a chleachdadh nuair a bha e a' sgrìobhadh nan laoidhean aige agus ‘s iad na pìosan as ainmeil, aithnichte ‘san latha an diugh.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.