Tha eibhir no clach-ghràin na seòrsa de na clachan teinnteach a tha gu math cumanta air feadh an t-saoghail. Tha i na pàirt mòr de rùsg na Talmhainn. Thàinig am facal clach-ghràin bhon fhacal Laideann "granum", (gràinne) is a' toirt iomradh air structar na cloiche.

Thumb
Roche Rock, a' Chòrn
Thumb
Stac an Àrmainn, Hiort
Thumb
Seòrsaichean de chloich-ghràin
Thumb
Taighean à clach-ghràin ann an Obar Dheathain

Chaidh eibhir a chruthachadh nuair a bha magma teas leaghta a' sgaoileadh fo bhàrr na talmhainn far an deach e eadar clachan eile. Tro fhuarachadh den mhagma dh' atharraich an structar gu clach chruaidh. Mar is trice thachair am pròiseas seo anns an doimhne eadar 1.5 cilemeatair is 50 km am broinn rùsg na talmhainn. Ged a chaidh clachan gràine a chruthachadh fo bharr na talmhainn chaidh an toirt gu barr le gluasad ann an rùsg na talmhainn agus nochdaidh iad gu math tric mar bheanntan àrda, mar eisimpleir: am Monadh Ruadh.

Tha clach-ghràin a' gabhail a-steach 20% èiteag air a' char as lugha den tomhas-lìonaidh, mioca agus feldspar.

San fharsaingeachd seo an co-dhèanamh ceimigeach a th' ann an cloich-ghràin: [1]

  • SiO2 — 72.04% (silica)
  • Al2O3 — 14.42% (alumina)
  • K2O — 4.12%
  • Na2O — 3.69%
  • CaO — 1.82%
  • FeO — 1.68%
  • Fe2O3 — 1.22%
  • MgO — 0.71%
  • TiO2 — 0.30%
  • P2O5 — 0.12%
  • MnO — 0.05%

Tha clach-ghràin a' nochdadh ann an iomadh dath, bho phinc gu liath. Tha sin a' crochadh air na gràinnean mèinnireach a th' innte agus a bha air an atharrachadh gu criostalan. Chithear iad ma thèid a' clach a ghearradh agus a lìomhrachadh.

Tha clach-ghràin gu math cruaidh, cha dèan uisge no truailleadh mòran cron don chloich, mar sin thèid i a chleachdadh ann an iomadh dòigh. Cleachdar i airson taighean a thogail no mar clach lìomhte anns a' chidsin no mar làr. Tha cuaraidhean ann airson clachan-gràine le dath agus/no structar sònraichte a mhargaideach.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Wikiwand in your browser!

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.

Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.