Remove ads
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e "Bliadhna a' Phrionnsa" no "Bliadhna Theàrlaich" a bh' aig na Gàidheil air Ar-a-mach nan Seumasach 1745-1746 fon Prionnsa Teàrlach Stiùbhart, an iomairt mu dheireadh aig na na Seumasaich. Bha Gàidheil air gach taobh ach 'siad a bh' anns a' chuid a bu motha dhen arm Seumasach; agus eadar 1/3 gu 2/3 dhen arm Dìlseach cuideachd. Chaidh an latha air na Seumasaich ged a rinn iad sabaid treun agus lean sin gu droch dhìol air na Gàidheil, air feadh na Gàidhealtachd.
Bliadhna Theàrlaich | |||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
na phàirt de: Aramachan nan Seumasach | |||||||||||
Blàr Cùil Lodair | |||||||||||
| |||||||||||
Luchd-cogaidh | |||||||||||
Na Seumasaich | Taigh Rìoghail Hanòbhair | ||||||||||
Cinn-fheachda | |||||||||||
Teàrlach Eideart Stiùbhart Lord George Murray |
Rìgh Deòrsa II Duke of Cumberland |
Nuair a thàining Teàrlach Stiùbhart do dh'Èirisgeigh, dh'innis na tighearnan Gàidhealach dha nach robh cothrom buaidhe ann gun cuideachdadh nam Frangach. Dh'fhàillich aramachan ann an 1688-1690, 1715 (Bliadhna Sheumais), agus 1719. Gidheadh, bha mòran Gàidheil air an robh miann riaghaltais Sheumasaich fhathast. 'S aonar dhiubh a bha ann an Raghnall Dòmhnallach, bràthair tighearna Chinn Loch Mhùideart agus seann-ghaisgeach Bliadhna Sheumais. Bha na fhear-thaic Dhalabroig (ann an Uibhist a Deas), de cheann-cinnidh nan Ràghnallach. Tharraing e claidheamh agus thuirt e, "I will! I will! though not another man in the Highlands should draw a sword; I am ready to die for you!"[1]
Chaidh iad do Ghleann Fhionghain; b' ann an seo a thogadh am bratach Seumasach an àrd 19 an Lùnastal. A rèir beul-aithris, sheinn Alasdair mac Mhaighstir Alasdair òran aige "Teàrlach mac Sheumais," ged a bhitheadh mì-chòrdail ris an teacsa.[2] Sin tòiseachadh an aramach.
Nuair a chaidh an arm Seumasach do Shasainn, bha Uilleam Druimeanach, ceathramh biocas Shrath Ailein, na cheannard an arm ann an Alba.
Thàinig an iomairt gu crìch aig Blàr Chùil Lodair.
Bha Alasdair mac Mhaighstir Alasdair na chaiptean ann an arm Seumasach agus na oide a' Phrionnsa. Is iomadach òran-brosnachaidh a rinn e an adhbhar nan Seumasach.
Tha mòran sgeulachdan Gàidhlig mun chuspair seo, mu dheidhinn Iain Spàinntich agus Mac Mhic Dhòmhnaill Dubh (Dòmhnall Camshron, Morair Òg Loch Iall) gu sònraichte.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.