A' Bheilg
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e dùthaich anns an Roinn-Eòrpa a tha anns a' Bheilg,[1][2][3][4][5][6] (ainm oifigeil: Rìoghachd na Beilge). Tha crìochan aice leis an Òlaind, a' Ghearmailt, an Fhraing agus le Lucsamburg. 'S e ball den Aonadh Eòrpaich a th' innte. 'S e am Bruiseal am prìomh bhaile. Bruidhnear Walon ann an Wallonie, ann an ceann a deas na dùthcha. Ann an 2014 chaidh an sreath Cordon fhilmeadh anns an dùthaich.
Remove ads
Bailtean Mòra
Seo liosta na bailtean as motha anns a’ Bheilg:[7]
- A’ Bhruiseal
- Antwerpen
- Gent
- Charleroi
- Liège
- Brugge
- Namur
- Leuvain
- Mons
- Aalst
Daoine Ainmeil
- Gustave Strauven (1878 - 1919). Ailtire.
Cànain anns a' Bheilg
Tha trì cànain oifigeil anns a' Bheilg: Duitsis no Fleamais, Fraingis, agus Gearmailtis. Chan eil fios le cinnt, oir chan eil cunntas-sluaigh air a bhith ann, ach a rèir choltais, tha 60% den t-sluaigh a' bruidhinn na Duitsis agus 40% den t-sluaigh a' bruidhinn na Fraingis. Tha luchd-cainnte na Duitsis a' fuireach gu h-àraid ann an ceann a tuath, ann am Flannras, agus luchd-cainnte na Fraingis ann am Wallonia. Tha Duitsis na Beilge agus Fraingis na Beilge eadar-dhealaichte gu ìre bho Duitsis nan Tìrean Ìsle agus Fraingis na Frainge.
Tùsan
Dealban
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads