From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile beag ann an Loch Abar a tha ann an Àrasaig (Beurla: Arisaig).[1]
Àrasaig | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Siorrachd Inbhir Nis |
Parraist | Àrasaig agus Mùideart |
Co-chomharran | 56° 54′ 40″ Tuath 5° 50′ 33″ Iar |
Comharradh-clèithe | NM661864 |
Feartan fiosaigeach |
Tha dà stèisein-rèile ann air Rathad Iarainn nan Eilean, aon ann an Àrasaig fhèin eadar Stad-rèile Bhiasdail agus Mòrar,[2] a thogadh ann an 1901,[3] agus stèisean eile, Stèisean Bhiasdail, eadar Àrasaig agus Loch Ailleart.
Tha Àrasaig air an rathad A830 eadar An Gearasdan agus Malaig, agus rinn Còmhdhail Alba an A830 eadar Àrasaig agus Loch nan Uamh dùbailte ann an 2009.[4]
Tha am MV Sheerwater a' toirt seirbheisean aiseig do na h-Eileanan Tarsainn.[5]
Thogadh Taigh Àrasaig ann an 1863, chaidh e ath-thogail ann an 1937 an dèidh do teine, agus bha e na ionad-trèanaidh sònraichte don Special Operations Executive san Dàrna Cogadh.[6] Thogadh Stad-rèile Bhiasdail mar stad prìobhaideach airson an taighe ann an 1907, ach tha e fosgailte ri luchd-siubhail.[7]
Chaochail Alasdair mac Mhaighstir Alasdair an seo agus chaidh e a thìodhlacadh anns an cladh.[8]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.