Wangerooge
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e aon de na Ostfriesische Inseln (Eileanan Frìosach an Ear) a tha ann an Wangerooge. Tha e suidhichte anns a' Chuan a Tuath taobh an ear air an eilean Spiekeroog. Tha Wangerooge mu seachd cilemeatair air falbh bho chladach Niedersachsen ann an taobh tuath na Gearmailt.
Tha an t-eilean cho mòr ri 7,94 km² agus mar sin 's e Wangerooge an dàrna eilean as lugha de na h-Eileanan Frìosach. Tha e na phàirt dhen phàirc-nàiseanta Lower Saxony Wadden Sea National Park.
Ann an 2008 bha 933 duine a’ fuireach ann.
Tha aiseagan a' ruith gu Wangerooge, chan eil e ceangailte le drochaid gu tìr-mòr. Ach ma bhios a' mhuir air falbh 's uarrainnear a' coiseachd bho thìr-mòr chun an eilein. Tha càraichean toirmisgte ann an Wangerooge.
Tha gnìomhachas tùrasachd gu math làidir an seo.
Tha taigh-tasgaidh anns an seann taigh-solais ann am meadhan a' bhaile. Tha taisbeanadh ann far am faicear rudan ceangailte le eachdraidh an eilein agus leasachadh roinn turasachd ann an Wangerooge. Taobh a-muigh chithear am bàta Gesina, bàta-teasairginn a bha air a chleachdadh bho 1971 gu 1981.
- Sealladh air Wangerooge
- Port-mara Wangerooge
- Tràigh ann an Wangerooge
- An seann taigh-solais
- An taigh-solais ùr
- Tràigh ann an Wangerooge
- Café Pudding