'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Västerbotten län (Suomais: Västerbottenin lääni). Tha i na laighe air na crìochan le Nirribhidh, ann an ceann a tuath na dùthcha, gu deas air Norrbottens Län. 'S e Umeå a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1638. Sìnidh Västerbottens län fad 55,186.2km² agus tha 259,239 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an dàrna roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an dàrna tè as lugha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach 15 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Norsjö nam measg.