'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Värmlands län (Suomais: Värmlannin lääni). Tha i na laighe air na crìochan le Nirribhidh, ann am meadhan na dùthcha, gu deas air Dalarnas län. 'S e Karlstad a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1779. Sìnidh Värmland län fad 17,583km² agus tha 275,904 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an ochdamh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an 11mh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis a tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach 16 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Karlstad agus Sunne nam measg.