From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Uppsala län (IPA: /ˈɵpːˌsɑːla ˈlɛːn/; Suomais: Uppsalan lääni). Tha i na laighe ri eadar Loch Mälaren agus am Muir Baltach, ann am meadhan na dùthcha, gu deas air Gävleborgs län. 'S e Uppsala a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1634. Sìnidh Uppsala län fad 8,209km² agus tha 354,164 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an 15mh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an còigeamh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach ochd sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Uppsala nam measg.
Uppsala län
| |||||
Faidhle:Uppsala Cathedral.jpg, Uppsala - View of river and Västgöta nation.jpg | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Prìomh-bhaile | Uppsala | ||||
Stèidhichte | 1634 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 8,209 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 354,164 (2015) | ||||
Dlùths | 43.14/km² | ||||
Àireamh fòn | + (46) 01 | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à Upp (Gàidhlig: shuas) agus salr (talla) ann an Lochlannais a tha an t-ainm.[2]
B' e Lars Eriksson Sparre av Rossvik a' chiad riaghladair nan roinne.[3]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.