'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Stockholms län (Suomais: Tukholman lääni). Tha i na laighe ri eadar Loch Mälaren agus Am Muir Baltach, ann am meadhan na dùthcha, air an taobh shear Uppsala län agus Södermanlands län. 'S e Stockholm a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1714. Sìnidh Stockholms län fad 6519km² agus tha 2,231,439 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an 16mh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Tha 26 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Danderyd, Solna agus Stockholm nam measg.