'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Skåne Län (Suomais: Skånen lääni). Tha i na laighe air na crìochan mara leis An Danmhairg, ann an ceann a deas na dùthcha, gu deas air Hallands län. 'S e Malmö a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1997. Sìnidh Skåne Län fad 11,034.5km² agus tha 1,251,213 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an deicheamh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an treas tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Tha 33 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Helsingborg, Klippan, Lund agus Malmö nam measg.