![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/gd/thumb/d/d4/Seanadh_na_Cuimrigh.jpg/640px-Seanadh_na_Cuimrigh.jpg&w=640&q=50)
Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh a’ bhuidheann a tha air a thaghadh le sluagh na dùthcha, a tha a’ deasbad phoileasaidhean, ag aontachadh laghan a bhios a faighinn buaidh air a’ Chuimrigh agus a' cosg airgid a tha air a thoirt seachad le riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Chaidh an Seanadh a stèidheachadh ann an 1999 as dèidh referendum ann an 1997. Tha 60 buill anns an t-Seanadh. Tha 40 dhiubh a riochdachadh roinnean-taghaidh fa leth, agus càch air a thaghadh bho chòig roinnean a rèir siostaim riochdachaidh cho-roinneil. Thèid buill an t-Seanaidh a thaghadh airson greise ceithir bliadhna. Chaidh an taghaidhean a chumail ann an 1999, 2003 agus 2007. Thèid cumhachdan gnìomhach an t-Seanaidh a thiomnadh do Phrìomh-Mhinistear an t-Seanaidh. Bidh esan a’ toirt uallach air ministearan Riaghaltais an t-Seanaidh, dleastanais ghnìomhach a cho-lìonadh. ‘S iad sin an caibineat. Thèid gnìomhan an t-Seanaidh fhèin a stiùireadh leis an Oifigear Riaghlaidh a tha fhèin na bhall dhen t-Seanadh.
Y Senedd | |
![]() | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 1999 |
Buill | 60 |
Labhraiche | Elin Jones |
Sèorsa | aon-sheòmarach |
Teirm | 2016 - 2021 |
Togalach | Legislative Buildings |
Sèoladh | Prospect Hill, Caerdydd |
Dùthach | ![]() |
làrach-lìn | http://www.cymru.gov.uk/ |