From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e roinn (Romàinis: Județ)[1] ann an ceann a tuath Romàinia a th' ann an Sălaj (IPA: səˈlaʒ, Gearmailtis: Zillenmarkt, Ungairis Szilágy). Tha e suidhichte eadar Cluj, Satu Mare, Bihor agus Maramureş. 'S e Zalău a th' ann prìomh-bhaile na roinne.[2] 'S e Sălaj an 38mh roinn as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 39mh a thaobh àireimh-shluaigh.[3]
Județul Sălaj Szilágy Megye
| |||
Dealbh | |||
Suidheachadh | |||
Dùthaich | Romàinia | ||
Prìomh-bhaile | Zalău | ||
Roinn Eachdraidheil | Crişana/Transsilvania | ||
Feartan fiosaigeach | |||
Farsaingeachd | 3,864 km² | ||
Àireamh-shluaigh | 224,384 (2011) | ||
Dlùths | 58.07/km² | ||
Àireamh fòn | +40 260/360 | ||
Clàr Àireamh-carbaid | SJ | ||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas Roinneil |
'S ann gu math connspaideach 's a tha freumhan an ainm Sălaj. Tha cuid ag ràdh gur ann à Laideann Silva (Gàidhlig: Coille) a tha e, fhad 's a tha feadhainn eile dhen bheachd gun tàinig e à Dacais zilai (Gàidhlig: Fìon dearg).[4] Chaidh an roinn a stèidheachadh ann an 1876 nuair a dh'aonadh Kraszna agus Közép-Szolnok. Bhuineadh Sălaj, mar iomadh roinn eile air an àirde iar-thuath Romàinia, dhan Ostair-Ungaire ron a' A' Chogaidh Mhòir. Chaill An Ungair Sălaj ann an 1920.[5]
Tha ainm aig a h-uile baile ann an Ungairis agus ann an Gearmailtis aig mòran dhuibh o chionn 's gu robh coimhearsnachdan làidir ann ron a' Chogadh Mhòr agus àm Dej/Ceauşescu far an robh na cànain seo gam bruidhinn.[8]
Baile | Muinntir |
---|---|
Zalău (Gearmailtis: Zillenmarkt, Ungairis Zilah) | 56,202 |
Șimleu Silvaniei (Gearmailtis: Schomlenmarkt, Ungairis: Szilágysomlyó) | 14,436 |
Jibou (Gearmailtis: Siben, Ungairis: Zsibó) | 10,407 |
Cehu-Silvaniei (Gearmailtis: Bömischdorf, Ungairis: Szilágycseh) | 7,214 |
Crasna (Gearmailtis: Krassmarkt, Ungairis: Kraszna) | 6,485 |
Sărmășag (Ungairis: Sarmaság) | 6,092 |
Pericei (Ungairis: Szilágyperecsen) | 3,768 |
Bobota (Ungairis: Nagyderzsida) | 3,766 |
Bălan (Gearmailtis: Blasenkirchen, Ungairis: Almásbalázsháza) | 3.722 |
Ip (Ungairis: Ipp) | 3,648 |
(Bho: 20mh an Dàmhair 2011)[9] |
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.