'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Södermanlands län (Suomais: Södermanlanti lääni). Tha i na laighe eadar Loch Hjälmaren agus am Muir Baltach, ann am meadhan na dùthcha, gu deas air Uppsala län agus Stockholms län. 'S e Nyköping a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1634. Sìnidh Södermanlands län fad 6,060km² agus tha 283,712 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an 18mh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an 12mh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach ochd sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Eskilstuna agus Nyköping nam measg.