Sìonais
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e sreath dhe cànan a bhuineas uile gu lèir dhan teaghlach Sìono-tibeatanach a th’ ann an Sìonais.[1] Ged a tha a’ mhòr-chuid dhe na daoine anns an t-Sìona dhen bheachd gur e dìreach aon chànan le mòran dualchainnt a th’ ann, tha na diofaran eatorra coltach ris na diofaran eadar Gàidhlig is Gaeilge, neo Portagailis is Spàinntis.[2] A dh’aindeoin sin, chan eil an cànan sgrìobhte air atharrachadh idir cho luath an taca ris an teanga beò, is le sin tha i fhathast uabhasach co-ionnan air feadh na dùthcha. Feumar a ràdh gur e Sìonais Mandairinis oifigeil a thathar a’ sgrìobhadh, a’ leughadh is ag ionnsachadh. Chan e am foirm sin neo-phàirteil an coimeas ri buill eile an teaghlaich sin. A thuilleadh air sin, tha Cantonais agus Mǐn gan sgrìobhadh ann an dòigh eile, air sàilleabh gu bheil gràmar agus faclan eadar-dhealaichte aca.
汉语/漢語/华语/華語/中文 Sìonais | ||
---|---|---|
Fuaimneachadh | Hànyǔ/Huáyǔ/Zhōngwén | |
Far a bheil i 'ga bruidhinn | ||
Luchd-labhairt iomlan |
1,300,000,000 | |
Teaghlach-chànan |
Sìono-Tibeatanach
| |
Siostam-litreachaidh | Caractaran Sìonach | |
Inbhe Oifigeil | ||
Far a bheil i 'na chànan oifigeil | Sìona, Taiwan, Siongapòr | |
'Ga riaghladh le | PRC | |
Còdan Cànan | ||
ISO 639-1 | zh | |
ISO 639-2 | chi | |
ISO 639-3 | zho | |