Poll a' Ghrùthain
From Wikipedia, the free encyclopedia
Tha Poll a' Ghrùthain na mòr-bhaile ann an iar-thuath na Sasainn. Tha e suidhichte air bruach a tuath Abhainn Mhersey, agus 's e cathair agus port-mara a tha innte. 'S e 444,500 àireamh-sluaigh a' bhaile. Chuirear Learpholl air a' chathair anns an nua-Ghaeilge, agus Lerpwl sa Chuimris.
Poll a' Ghrùthain | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Sasainn |
Ceàrn | Merseyside |
Co-chomharran | 53° 24′ 0″ Tuath 3° 0′ 0″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 5,001 km² |
Àireamh-shluaigh | 435,500 (2007) |
Dlùths | 87.08/km² |
Àireamh fòn | 0151 |
Duilleag oifigeil | Comhairle Cathair Pholl a' Ghrùthain |
'S e eadar-theangachadh bhon ainm Beurla Liverpool a tha ann am Poll a' Ghrùthain, ach is ann bho Gaeilge aig linn nan Lochlannach "leifir poll" a thàinig an t-ainm sin bho thùs. Tha an t-ainm a' comharrachadh lon a chaidh don mhuir eadar bruaichean polltach. Ruith am "poll" suas gu ceann far a bheil James Street a' tòiseachadh san latha an diugh. Mhair am poll gu toiseach an 19mh linn, nuair a chaidh saibhearachadh air.