![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/b/b0/Siegel-uni-heidelberg.png/640px-Siegel-uni-heidelberg.png&w=640&q=50)
Oilthigh Heidelberg
From Wikipedia, the free encyclopedia
Is e an t-oilthigh as sine anns a' Ghearmailt a tha ann an Oilthigh Ruprecht Karl Heidelberg (Ruprecht-Karls-Universität Heidelberg ‘sa Ghearmailtis, Ruprecht Karl University of Heidelberg sa Bheurla). Tha e ann an Heidelberg ann am Baden-Württemberg anns an Iar dheas na Gearmailt.
![Thumb image](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/0/05/Uni-Heidelberg_Aula.jpg/640px-Uni-Heidelberg_Aula.jpg)
Oilthigh Ruprecht-Karl Heidelberg | |
![]() | |
Facal Suaicheantais | Semper apertus |
Stèidhichte | 1386 |
Suidheachadh | Heidelberg, a' Ghearmailt |
Oileanaich | 25,000 |
Làrach-lìn | http://www.uni-heidelberg.de/ |
Chaidh a stèidheachadh le cead bho Pàpa Urban VI ann an 1386 anns an Ìmpireachd Naomh na Ròimhe agus bha e ag obair bhon uair sin gun stad. Airson mòran linntean bha iad a’ teagasg eòlas-lagha, eòlas-leighis, eòlas-diadhachd agus feallsanachd.
Tha leabharlann ainmeil ann cuideachd. Ann an 1388 thoisich a’ chiad cheannard an oilthigh air leabhraichean a chruinneachadh ann am bocsa. Ach anns an 16mh linn bha leabharlann mòr an ris an canar Bibliotheca Palatina le tòrr leabharaichean aosmhòr às na Meadhan-Aoisean. Ach chaill an t-oilthigh an cuid as motha de na leabhraichean anns an “Cogadh airson 30 bliadhna” don àrd-eaglais na Ròimhe. An dèidh Congress of Vienna ann an 1816 fhuair iad na leabhraichean Gearmailteach air ais.
![Thumb image](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/9/9d/Universitaetsbibliothek_Heidelberg_Dach.jpg/640px-Universitaetsbibliothek_Heidelberg_Dach.jpg)
An diugh tha nas motha na 3 millean leabhraichean ann.