From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile meadhanach agus port faisg air Östersund ann an ceann a deas na Suaine a th’ ann an Nyköping (IPA: nyːˈɕœpɪŋ). Tha e suidhichte ann an tairbeart eadar Loch Glan agus Loch-uisge Bråviken, ri taobh na Mara Bhaltaich eadar Norrköping agus Stockholm, anns an sgìre Södermanlands län,[1] 396km air falbh bho Helsingborg, 128km bho Uppsala agus 317km bho Ghöteborg. Tha 29,891 duine a' fuireach ann.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1178.
Nyköping
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Ceàrn | Södermanland | ||||
Sgìre | Södermanlands län | ||||
Co-chomharran | 58° 45 10′ Tuath 17° 00 31′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 13.43 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 29,891 (2010) | ||||
Dlùths | 2,225.69/km² | ||||
Àireamh fòn | (+46) 0155 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.nykoping.se/ |
Tha e coltach gur ann à dà fhacal ann an Suainis: nya (ùr) agus köping (margaidh) a tha an t-ainm.[3] Bheireadh sin An Fhèill Ùr dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. 'S e co-dhàimh leis a' Bheurla chipping/shopping agus a' Ghearmailtis kaufen a th' ann.
Thachair A' Bhangaid Nyköping (Suainis: Nyköpings gästabud) an seo ann an 1317. Chuir an rìgh ionadail Birger fiathachadh dha bhràthairean. Chuir e san toll-dubh iad agus chaochail iad leis an ocras.[4] Fhuair am baile a chuid chòirichean a thaobh chìsean agus malairt ann an 1440. Rinn teintean sgrios agus milleadh air Nyköping ann an 1665 agus Feachd na Ruise an aon rud ann an 1709. Bha taigh-gnìomhachais SAAB ann an Nyköping fad bliadhnaichean, mus do dhùnadh e ann an 1987. Chaill corr is 2,000 duine an dreuchdan.[5] Thogadh bunait Feachdan an Adhair aig àm an Dàrna Cogaidh agus bha sgoil nam paidhleat aig Brandholmen bho 1963 gu ruige 1985. Dhùnadh a' bhunait ann an 1980 agus 's e port-adhair sìobhalta a th' ann an latha an-diugh, air a bheil Skavsta.[6]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.