![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/3/31/Napoleon_I_of_France_by_Andrea_Appiani.jpg/640px-Napoleon_I_of_France_by_Andrea_Appiani.jpg&w=640&q=50)
Napoléon Bonaparte
From Wikipedia, the free encyclopedia
Bha Napoléon Bonaparte (IPA: napɔleɔ̃ bɔnapaʁt, Ajaccio, 15 an Lùnasdal 1769–Eilean Naomh Eilidh, 5 an Cèitean 1821)[1] na Impire na Frainge agus na Sheanailear. Rugadh e ann an Corsaca, far an robh a theaghlach a' fuireach. Bha athair, Carlo Maria Buonaparte na neach-lagha,[2] agus bha a mhàthair, Maria Letizia Ramolino, ga bhrosnachadh nuair a bha e na bhalach beag gu rudan cudromach a dhèanamh anns an àm ri teachd.
Napoléon Bonaparte | |||||||||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
![]() | |||||||||||||||||
10 dhen t-Samhain 1799 - 18 dhen Chèitean 1804
1800 - 1800 ← Raphael Bienvenu Sabatier (en) ![]()
18 dhen Chèitean 1804 - 6 dhen Ghiblean 1814
17 dhen Mhàrt 1805 - 11 dhen Ghiblean 1814
1806 - 26 dhen Fhaoilleach 1812 ← Louis XVI of France (en) ![]()
20 dhen Mhàrt 1815 - 22 dhen Ògmhios 1815
20 dhen Mhàrt 1815 - 22 dhen Ògmhios 1815 ← Louis XVIII of France (en) ![]() ![]() | |||||||||||||||||
Beatha | |||||||||||||||||
Ainm slàn | Napulione Buonaparte, Napoleone di Buonaparte | ||||||||||||||||
Breith | Ajaccio, 15 dhen Lùnastal 1769 | ||||||||||||||||
Dùthaich |
![]() | ||||||||||||||||
Àite-fuirich |
Saint Helena (en) ![]() Ajaccio Paris Elba | ||||||||||||||||
Ciad chànan |
Corsican (en) ![]() | ||||||||||||||||
Bàs |
Longwood House (en) ![]() | ||||||||||||||||
Àite-adhlacaidh |
Cathédrale Saint-Louis-des-Invalides (en) ![]() Valley of the Tomb (en) ![]() | ||||||||||||||||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (aillse na stamaig) | ||||||||||||||||
Teaghlach | |||||||||||||||||
Athair | Carlo Bonaparte | ||||||||||||||||
Màthair | Maria-Letizia Bonaparte | ||||||||||||||||
Cèile |
Joséphine de Beauharnais (en) ![]() Marie Louise, Duchess of Parma (en) ![]() | ||||||||||||||||
Càraid |
Marie Walewska (en) ![]() Pauline Fourès (en) ![]() Emilie Kraus von Wolfsberg (en) ![]() Elisabeth de Vaudey (en) ![]() Eléonore Denuelle de La Plaigne (en) ![]() Giuseppina Grassini (en) ![]() Albine de Montholon (en) ![]() | ||||||||||||||||
Clann | |||||||||||||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||||||||||||||||
Sinnsirean |
liosta
| ||||||||||||||||
Fine | Taigh Bonaparte | ||||||||||||||||
Foghlam | |||||||||||||||||
Foghlam |
École Militaire (en) ![]() (1784 - | ||||||||||||||||
Cànain |
Fraingis Corsican (en) ![]() | ||||||||||||||||
Dreuchd | |||||||||||||||||
Dreuchd |
neach-poileataigs, stàitire, oifigear, cruinniche ealain, Ceusair, flaitheach, militant (en) ![]() ![]() | ||||||||||||||||
Com-pàirtiche
| |||||||||||||||||
Àirde | 168 centimetre | ||||||||||||||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||||||||||||||
Ballrachd | Acadamh Fhrangach nan Saidheansan | ||||||||||||||||
Seirbheis san arm | |||||||||||||||||
Ìre |
seanalair bragàid seanalair roinneil | ||||||||||||||||
Strì |
Cogaidhean Napoleon Cogaidhean Rèabhlaid na Frainge | ||||||||||||||||
Creideamh | |||||||||||||||||
Creideamh |
Caitligeachd diadhachas | ||||||||||||||||
IMDb | nm1927416 | ||||||||||||||||
![]() |
Chaidh e gu Acadamaidh an Armailt ann am Paras nuair a bha e dìreach 14 bliadhna[3] a dh'aois agus bhuannaich e urram is meas gu luath. Ann an 1799 bha e na sheanailear ann am Arm na Frainge ri linn Ar-a-mach na Frainge, agus ged a chaill iad an Èipheit,[4] dh'fhàs Napoléon ainmeil am measg muinntir na Frainge, an dà chuid na beartaich is na bochd.
Bha e na Chonsal nuair a chuir e an tiotal air fhèin, “Ìompaire nam Frangach” còmhla ri a chiad bhean Josephine, air a' chiad latha den Dùbhlachd 1804. Aig an àm sin bha cumhachd mhòr aige agus chuir e iomadh dùthaich fo smachd anns an Roinn Eòrpa, neartaich e an siostam sòisealta is chruthaich e codex a chleachd mòran riaghaltasan mar eisimpleir às dèidh sin, fiù 's san latha an-diugh. Phòs e dà thuras: a' chiad turas bho 1796 gu ruige 1809 aig Joséphine de Beauharnais[5], a bha seachd bliadhna na b' aosda na esan agus gu math trioblaideach agus an uair sin aig Marie Louise, Bana-dhìuc Pharma, bho 1810 gu ruige 1814.[6]
Ach bha armailtean cumhachdach na aghaidh. Impireachd na Breatainne, a' Phruis agus an Ruis, agus chuidich iad dùthchannan eile airson na Frangaich a chuir air falbh. Chaill iad an Spàinnt ann an 1812[7] agus cha do chuir iad an Ruis fo smachd ann an 1813.[8] Thòisich crìonadh na Impireachd aig an àm a bha siud.
Mar sin, chaidh a fhògradh a dh'Eilean Elba ann an 1814 is thill Rìgh Louis XVI còrr is 15 bliadhna às dèidh an ar-a-mach mhòir. Ach ann an 1815 thill Napoléon dhan Fhraing gu mòr-thoilicheas an t-sluaigh, gus am blàr mu dheireadh ullachadh ann an Bhatarlù.[9] Anns a' Chèitean 1815 shabaid Napoléon an aghaidh a thrì armailtean, ach cha robh e soirbheachail is chaidh a fhògradh a-rithist, an turas seo gu Eilean Naomh Eilidh far an do bhàsaich e sia bliadhna às dèidh sin ann an 1821. Bha e dìreach 51.[10]