Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S earrann nan Tòraidhean ann am Breatainn air fad a th’ann Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba is chaidh meur Albannach a’ pàirtidh seo a stèidheachadh ann an 1965 nuair a sgar e bho Phàrtaidh an Aonaidh. ‘S e na Tòraidhean a bh’ann am buidheann na bu treasa ann am poileataigs na h-Alba gu ruige na 60an.[1] Fhuair na Tòraidhean 17 seataichean (dhe 129 air fad) ann am Pàrlamaid na h-Alba aig na taghaidhean ann an 2007 agus a bharrachd air sin tha dithis bhall (dhe 59 do dh’ Alba air fad) aca ann an Lunnainn, ach chan eil ball sam bith aca anns A' Bhruiseal. Ann am Màrt 2006 bha e coltach gu robh mu 16,000 buill a’ phàirtidh ann.
Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 1965 |
Beachd-Smuainealas An-Dràsda | Tòireadheas Aonachas |
Oifisean | 67 Northumberland Street, Dùn Èideann, EH3 6JG, Alba |
Cathraiche | Robert C B Forman MBE WS |
Suidheachain | Dùn Èideann: 31 Lunnainn: 6 |
Riaghaltas | Às an Riaghaltas a-nis |
Tha Ruth Davidson na ceannard a' phàrtaidh ann an Alba a-nis.