'S e pàirt den Chuan Siar a tha anns a' Mhuir Charaibeach. (Beurla: Caribbean Sea). Tha an Camas Mheagsago san taobh tuath agus tha Aimearaga a Deas san taobh a deas. San iar dheas tha Aimearaga Mheadhanach agus Meagsago, san taobh tuath tha na h-eileanan Greater Antilles agus san taobh an ear tha na Lesser Antilles. 'S e aon de na marannan-sàil as motha air feadh an t-Saoghail, tha an fharsaingeachd aige cho mòr ri 2,754,000 km² (1,063,000 sqm).[1] Tha an t-àite as doimhne (7,686 m/25,220 ft), an Cayman Trough, eadar Cùba agus Iaimeuca.
Am Muir Caraibeach | |
Suidheachadh | |
Ainm dùthchail | Mar Caribe/Caribbean Sea/Mer des Caraïbes/Para Karíve/Karibiska havet/Mar do Caribe |
Seòrsa | Muir |
Farsaingeachd | 2,754,000km2 |
Fad | 7,686km |
Mòr-roinn | Na h-Aimearagan |
Dùthaich | Antigua agus Barbuda Barbados Beilise A' Bheiniseala Costa Rica Coloimbia Cùba Doiminicia Poblachd Dhoiminicia Grenada Guatamala Guiana Haiti Hondùras Iaimeuca Meagsago Niocaragua Panama Crìstean is Nibheis Naomh Lùisia Suranam Trianaid is Tobago Naomh Bhionsant |
Tha stòras mòr ola anns a' Mhuir Charaibeach, cuirear mu 170 millean tunna a-mach às a' mhuir gach bliadhna.[2] Tha roinn na turasachd làidir anns an Roinn Charaibeach cuideachd, m. e.: tha an Caribbean Tourism Organization ag ràdh gu bheil 12 millean luchd turais a' tadhal air na h-eileanan gach bliadhna agus 8 millean bàta cuairte-mara a' seòladh mun cuairt.[3] Tha roinn iasgaich cudthromach cuideachd, tarraingear leth-mhillean tunna èisg as a’ mhuir gach bliadhna.[4]
Iomraidhean
Wikiwand in your browser!
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.