![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/5/5d/The_shore_of_Lochan_Sron_Smeur_-_geograph.org.uk_-_801920.jpg/640px-The_shore_of_Lochan_Sron_Smeur_-_geograph.org.uk_-_801920.jpg&w=640&q=50)
Lochan Sròn Smeur
Loch ann an Alba / From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e loch ann an Alba a tha ann an Lochan Sròn Smeur neo Lochan Sròn Smear.[1] Tha e suidhichte ann am Mòinteach Raineach air a' Ghàidhealtachd. Tha Lochan Lòin nan Donnlaich san àird an ear dheth. Tha e na laighe eadar dà bheinn, Leacann nan Giomach sa tuath agus Sròn Smeur (513 m) sa deas.
![Thumb image](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/5/5d/The_shore_of_Lochan_Sron_Smeur_-_geograph.org.uk_-_801920.jpg/320px-The_shore_of_Lochan_Sron_Smeur_-_geograph.org.uk_-_801920.jpg)
Tha an loch mu 0.5 mìle (0.8 km) a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas lugha na 440 slat (402 m) aig an àite as leathainne. Tha cumadh gu math neo-chothromach aige. San fharsaingeachd tha e mu 246 slat (225 m) a leud. Tha Lochan Sròn Smeur cho mòr ri 50 acair agus tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri gu bhith dà mhìle ceàrnagach (5 km²). 'S e 10.3 troigh (3.1 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 33 troigh (10 m) aig an àite as doimhne.[1]
Tha bàrr uisge an locha mu 1134 troigh (345.6 meatair) os cionn na mara. Thèid an loch a lìonadh bhon ear-thuath le Allt Coire nan Giomach agus sruthaidh an t-uisge a-mach às an loch seo chun an iar tro Allt Gormag, Allt Eigheach do Loch Eigheach.