Loch ann an Alba From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Bà. Tha e suidhichte ann am Mòinteach Raineach air a' Ghàidhealtachd. Tha Loch Buidhe san àird an ear-thuath dheth.
Tha an loch mu 2.49 mìle (4.00 km) a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas motha na mìle aig an àite as leathainne. San fharsaingeachd tha e mu leth mhìle a leud. Tha cumadh gu math neo-chothromach aige. Tha Loch Bà cho mòr ri 12.37 km² (0.92 mìle ceàrnagach) agus tha an àrainn drèanaidh dìreach aige cho mòr ri gu bhith 4,5 mhìle ceàrnagach (11.6 km²). Ach tha e a' gabhail a steach an t-uisge bho Loch Buidhe, Lochan na Stainge is Lochan na h-Achlaise cuideachd, mar sin tha an àrainn drèanaidh uile gu lèir cho mòr ri gu bhith 17.5 mìle ceàrnagach. 'S e 7.8 troigh (2.4 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 29.8 troigh (9.1 m) aig an àite as doimhne.[1]
Tha bàrr uisge an locha mu 957 troigh (291 meatair) os cionn na mara. Thèid an loch a lìonadh le Abhainn Bà san iar agus sruthaidh an t-uisge a-mach às an loch seo chun an ear tro Abhainn Bà gu Loch Laidon. Tha mòran eileanan ann an Loch Bà, nam measg Eilean Molach is Eilean na h-Iolaire.
Chan eil duine sam bith a' fuireach air bruach no faisg air Loch Bà. Mar sin chan eil rathaidean ann ach aig ceann an ear-thuath an locha, far a bhios an A82 a' dol seachad. Tha Loch Bà math airson iasgach, gu h-àraidh bric. [2]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.