![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/5/59/K%25C3%25B6nigswinter_in_SU.svg/langgd-640px-K%25C3%25B6nigswinter_in_SU.svg.png&w=640&q=50)
Königswinter
From Wikipedia, the free encyclopedia
`S e baile anns an sgìre Rhein-Sieg-Kreis ann an Nordrhein-Westfalen sa’ Ghearmailt, a tha ann an Königswinter. Tha mu 40.000 neach a’ fuireach ann. Tha Königswinter suidhichte eadar bruach an Ear abhainn Rhein agus an Siebengebirge (na seachd beanntan) mu choinneimh baile Bhonn. `S e am Petersberg aon de na seachd beanntan seo. Air mullach na beine tha taigh-òsta mòr ainmeil far an tachair mòran cho-labhairtean nàiseanta agus eadar-nàiseanta.
Königswinter
| |||||
![]() | |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Rhein-Sieg-Kreis | ||||
Sgìre | Nordrhein-Westfalen | ||||
Co-chomharran | 50° 40′ 36″ T 7° 11′ 29″ E | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 76.17 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 39.908 (31 an Dùbhlachd 2012) | ||||
Dlùths | 0.52/km² | ||||
Àireamh fòn | 0049-2223 (Königswinter) agus 0049-2241 (Königswinter-Oberpleis) | ||||
Duilleag oifigeil | koenigswinter.kale.braincms.de |
`S e Drachenfels an t-ainm a tha air aon de na beanntan eile. Tha a' bheinn seo ainmeil ann an saoghal na turasachd on a chaidh bàrdachd le Lord Byron fhoillseachadh, The castled craig of Drachenfels.