'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Hallands län (Suomais: Hallandin lääni). Tha i na laighe ri taobh na Kattegat, ann am ceann a deas na dùthcha, gu deas air Västra Götalands län. 'S e Halmstad a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1719. Sìnidh Hallands län fad 5,454 km² agus tha 314,784 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an 19mh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an 7mh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach 6 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Halmstad agus Varberg nam measg.