'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Gotlands län (IPA: ɡɔtland, Suomais: Gotlannin lääni). Tha i suidhichte san innis-mhuir Slite, anns a' Mhuir Bhaltach, ann am ceann a deas na dùthcha, leth-shligheach eadar an t-Suain fhèin agus Laitbhia. 'S e Visby a tha na phrìomh-bhaile agus tha an sgìre a' gabhail a-steach Gotland fhèin, Fårö, Gotska Sandön, Lilla Karlsö agus Stora Karlsö. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1678. Sìnidh Gotlands län fad 3,183.7km² agus tha 57,391 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an 20mh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an 21mh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis agus Gutniska a tha gam bruidhinn an seo. Chan eil ach sgìre-riaghlaidh sa roinn seo, le sin nach eil ach glè bheag de dhaoine a' fuireach ann.