'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Gävleborgs län (Suomais: Gävleborgin lääni). Tha i na laighe eadar Loch Storsjön agus am Muir Baltach, ann an cridhe na dùthcha, gu tuath air Uppsala län agus gu deas air Västernorrlands län. 'S e Gävle a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1762. Sìnidh Gävleborgs län fad 18,191km² agus tha 281,815 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an 7mh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an 8mh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach 10 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Gävle agus Ovanåker nam measg.