Farpais Foirmle a h-Aon na Cruinne 2020
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e co-fharpais airson càraichean Foirmle a h-Aon a bh' ann am Farpais Foirmle a h-Aon na Cruinne 2020, agus an 71mh bliadhna den fharpais. 'S e am Fédération Internationale de l'Automobile (FIA) a tha os cionn riaghladh an fharpais. Bha dùil aig an fharpais tòiseachadh sa Mhàrt le 22 Grands Prix, ach air sàillibh a' phandemic COVID-19, chaidh tòiseach an t-seusan a chur dheth chun an t-Iuchar. Chaidh feadhainn dhe na rèisean a bha air a' chiad chlàr-ama an cuir dheth, agus bha feadhainn eile air an cuir ris, agus bha 17 rèisean air an ruith mu dheiradh thall.
Farpais Foirmle a h-Aon FIA na Cruinne 2020 |
|||
Buannaiche nan Dràibhear: Lewis Hamilton Buannaiche nan Cruthaiche: Mercedes | |||
Roimhe: | 2019 | Ath-thè: | 2021 |
Sreathan-taice: Farpais Foirmle 2 Farpais Foirmle 3 FIA Sàr-chupa Porsche |
'S ann a' farpais airson tiotal Dràibhear na Cruinne agus tiotal Luchd-cruthachaidh na Cruinne a bha na dràibhearan agus na sgiobaidhean; aig a' cheann thall 's iad Lewis Hamilton agus Mercedes a bhuannaich iad, mar a rinnear ann am 2019 cuideachd.