Edward Sapir
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e cànanaiche agus corp-eòlaiche Gearmailteach-Ameireaganach Iùdhais a bha ann an Edward Sapir (26 am Faoilleach 1884 – 4 an Gearran 1939). Rugadh e ann an Lauenburg ann am Pommern, sgìre Gearmailteach aig an àm ud, agus dh'imrich a theaghlach a New York aig deireadh na 19mh linn.
Edward Sapir | |||
---|---|---|---|
![]() | |||
| |||
Beatha | |||
Breith |
Lębork (en) ![]() | ||
Dùthaich |
![]() | ||
Bàs | New Haven, 4 dhen Ghearran 1939 | ||
Foghlam | |||
Foghlam |
Oilthigh Cholumbia 1909) Dotair Feallsanachd Àrd-sgoil Stuyvesant DeWitt Clinton High School (en) ![]() | ||
Stiùiriche an teusais | Franz Boas | ||
Oileanaich dotaireachd | Benjamin Lee Whorf | ||
Cànain |
Iùdais Beurla | ||
Luchd-teagaisg |
Franz Boas Wilhelm Wundt (en) ![]() | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | daon-eòlaiche, cànanaiche, sòiseo-chànanaiche, neach-teagaisg oilthigh, eitn-eòlaiche agus feallsanaiche | ||
Fastaichean |
Oilthigh Yale Oilthigh Chicago | ||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||
Ballrachd |
Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans Acadamh Nàiseanta nan Saidheans |
Fhuair e ceum ann an eòlas-chànain Gearmailteach bho Oilthigh Cholumbia, ach bha ùidh na b' fharsainge aige ann an cànanachas. Ghabh e ùidh mhòr ann an cànanan tùsanach Ameireaganach, agus rinn e tòrr rannsachaidh orra agus an ceangail eadar cànanan agus corp-eòlas.
'S e sàr chànanaiche structarail a bh' ann. Bha Sapir den bheachd gu bheil buaidh aig cànan air an dòigh a chithear an saoghal agus gu bheil sealladh diofraichte aig daoine a-rèir an cànain. Chaidh am bun-bheachd aige a leasachadh le Benjamin Whorf, agus sin as adhbhar a chanar Sapir-Whorf-Hypothesis ris.