![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/a/a6/Edward_Said_Crop.jpg/640px-Edward_Said_Crop.jpg&w=640&q=50)
Edward Said
From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e sgoilear Palastaineach a bh’ ann an Edward Wadi Said a rugadh ann an Ierusalam air 1 an t-Samhain 1935 nuair a bha Palastain fo smachd Ìompaireachd Bhreatainn. Ged a b’ e Crìosdaidhean a bhuineadh dha Eaglais Shasainn (Easbaigeachas) a bha san teaghlach aige, thuirt Said ma dheidhinn fhèin gur e “Crìosdaidh còmhdaichte ann an cultar Muslamach” a bh’ ann dheth. Chuir e seachad a' chuid bu mhotha de bhliadhnaichean fhìor òigridh ann an sgoiltean Ierusalam, ach an dèidh a' chogaidh eadar na h-Iùdhaich agus na h-Arabaich ann an 1948 ghluais e fhèin agus a theaghlach gu Cairo far an robh bùth aig athair. An dèidh dha a bhith a' frithealadh àrd-sgoil ainmeil anns an Èipheit, chuir e crìoch air a chuid foghlaim anns na Stàitean Aonaichte aig Oilthigh Phrinceton agus Oilthigh Harvard; agus an dèidh greis fhuair e dreuchd mar ollamh ann an litreachas na Beurla aig Oilthigh Cholumbia ann an New York. Bhiodh e gu tric a' càineadh poileasaidhean stàit Iosrael is e a' toirt taic do mhuinntir Phalastain. Tha e ainmeil airson an leabhair 'Orientalism' a sgrìobh e mu bhuaidh ìompaireachdan na Roinn-Eòrpa air seallaidhean an luchd-ealain Eòrpaich mu choinneamh coimhearsnachdan, cànanan is cultar an Ear-Mheadhanaich is Àisia a Deas. Cho math ri bhith na sgoilear cliùiteach a thaobh litreachais, bha Said cuideachd na neach-ciùil gu math ealanta air a' phiàno. An dèidh dha a bhith a' fulang le aillse airson còrr is deich bliadhna, fhuair e bàs air 25 an t-Sultain 2003.
Edward Said | |
---|---|
![]() | |
Beatha | |
Breith | Ierusalem, 1 dhen t-Samhain 1935 |
Dùthaich |
![]() Mandat na Palastain |
Bàs | Eabhraig Nuadh, 25 dhen t-Sultain 2003 |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (bànachadh-fala) |
Teaghlach | |
Cèile |
Mariam C. Said (en) ![]() Maire Jaanus (en) ![]() |
Clann | |
Bràithrean ⁊ peathraichean | |
Sinnsirean |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Harvard Victoria College (en) ![]() Northfield Mount Hermon School (en) ![]() Oilthigh Princeton St. George's School, Jerusalem (en) ![]() |
Cànain |
Arabais Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair, breithniche litreachais, neach-naidheachd, feallsanaiche, eòlaiche-ciùil, neach-saidheans poileataigeach, eadar-theangair agus rannsaichear |
Àitichean-obrach | Eabhraig Nuadh agus Cairo |
Fastaichean | Oilthigh Cholumbia |
Obraichean comharraichte | Orientalism |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Buaidh | Michel Foucault agus Jean-Paul Sartre |
Ballrachd |
Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans Acadamh Aimeireaganach nan Ealan is nan Litir Arab Academy of Damascus (en) ![]() |
IMDb | nm0756429 |