From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e buidheann phoileataigeach a bha gu math gnìomhach ann an Éirinn aig deireadh an 19mh Linn a bh' ann an Conradh na Talún. Bhiodh an Conradh ag iarraidh cabhair a thoirt do thuathanaich màladairean san tìr. B' e a phrìomh-amas oighreachdan nan Tighearnach Talmhainn a bhriseadh sìos agus an talamh a thoirt do na tuathanaich a bha ag dèanamh na h-oibre air an son. Air 20 an Giblean, 1879, chumadh coinneamhan mòr ann am Baile Gaelach, faisg air Clár Chlainne Mhuiris, ann an Contae Mhaigh Eo. Thuirteadh gu robh corr is 20,000 duine an làthair. An dèidh a' chruinneachaidh seo, bha buidhnean ionadail a' Chonraidh ag obair airson màl a b' ìsle dha na daoine bochda, gu h-àiridh ann am Maigh Eo agus Connacht air fad.
Chaidh Conradh Talún Náisiúnta na hÉireann (Gàidhlig: Lìog Talmhainn Nàiseanta na h-Éireann) ann an Caisleán an Bharraigh san Taigh-òsta Impireil, air 21 an Dàmhair 1879. Chaidh Charles Stewart Parnell a thaghadh mar cheannard, agus Mícheál Dáibhéad, A.J. Kettle agus Thomas Brennan mar rùnairean. Bha John Dillon na neach-iomairt cudromach eile.
Na príomh-amasan a bhí luaite i rúin a' chruinneachaidh ná:
Shiubhail buill den chonradh gu ruige na Na Stàitean Aonaichte gus airgead a chruinneachadh, Charles Stewart Parnell, John Dillon, Mícheál Dáibhéad, nam measg. Chaidh buidhne a chur air dòigh thall an Alba cuideachd.
Shabaideadh Cogadh na Talmhainn eadar na bliadhnaichean 1880 agus 1892, agus an Conradh ag iarraidh "na trì F-aichean" mar a thugadh orra sa Bheurla: Màl Ceart, Còir Reic agus Cinnt Seilbhe, rud a bha éilithe don chiad uair ag Léig Chearta na dTionóntaí sa bhliadhna 1850.
Roghnadh an Chonradh cíos cothrom agus spreag a thabhairt chuig a chuid bhuill an praghas chuir os chomhair nam Morair talmhainn. Dá má rud é gur dhiúltóidh na Morairean talmhainn, íochfadh an tionónta an cíos chuidigh an chonradh agus ni bhfaigheadh na Morair talmhainn an aon airgead.
S' e deagh eisimpleir a bh' ann an canan Ulick Burke - na bhall na Eaglaise Chaitligich - a b' urrainn dha ìoslachadh a chuid mhàl gu 25%. Ach shabaid na Morairean talmhainn an aghaidh nan ceumannan seo agus bha murt air an dà thaobh. Mar as àbhaist, ghabhadh Poileis Rìoghail na h-Èireann (Gaeilge: Constáblacht Ríoga na hÉireann) ris na Morair talmhainn. Cha robh trioblaid sam bith ann a thaobh chreidimh anns a' chiad dol a-mach agus fiù' s chumadh coinneamhan a' chonraidh ann an tallaichean na Luchd Buidhe, ach chuireadh stad air seo, nuair a bha feum aig na Morairean talmhainn air An t-Òrd Òraisteach.
Nuair a bha an eachtra seo thart, chuir Parnell Léig Náisiúnta na hÉireann, air dòigh. Dà dheichead an dèidh stèidheachadh a' chonraidh, de bharr tionchar fír cosúil le William O'Brien, bha feabhas air an saoghal do thuathanaich, agus gu h-àraidh an dèidh Achd na Luchd Obrach 1906 agus 1911, bha an talamh ann an làmhan nan tuathanach beaga, seach na Morairean talmhainn.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.