Clas teannachaidh Shapley–Sawyer
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e siostam seòrsachaidh a th' ann an clas teannachaidh Shapley–Sawyer air sgèile o aon gu dà dheug a chleachdas àireamhan Ròmanach airson grioglachain chruinne a sheòrsachadh a-rèir an teannachaidh aca. Thèid na grioglachain leis an teannachadh as àirde mar M75 a sheòrsachadh mar Chlas I, leis an teannachadh 'ga lùghdachadh ceum air cheum gu ruige Clas XII, can Palomar 12. (Thèid an clas a thoirt seachad le àireamhan àbhaisteach [Clas 1–12] seach àireamhan Ròmanach aig amannan.)