![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/a/a5/Bandera_de_Castell%25C3%25B3_de_la_Plana-2.svg/langgd-640px-Bandera_de_Castell%25C3%25B3_de_la_Plana-2.svg.png&w=640&q=50)
Castelló de la Plana
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile mòr agus port air oirthir an ear na Spàinne a th’ ann Castelló de la Plana (IPA Catalanais: kaste'ʎo ðe la 'plana) neo Castellón de la Plana (IPA Spàinntis: kaste'ʎon de la 'plana). Chaidh e a stèidheachadh ann an 1251. Tha Castelló de la Plana suidhichte air a’ Mhuir Meadheanach, aig 27m os cionn ìre na mara,[1] eadar na h-aibhnichean Seco[2] agus Millars.[3] Tha Castelló de la Plana 361km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 230km bho Bharcelona.[4] Tha 180,005 daoine a’ fuireach ann an Castelló de la Plana,[5] am 4mh baile as motha anns a' Cho-chomann València agus an 39mh baile na Spàinne.[6] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Castelló a th’ann Castelló de la Plana cuideachd.
Castelló de la Plana
| |||||
![]() | |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Ceàrn | ![]() | ||||
Sgìre | ![]() | ||||
Co-chomharran | 39° 58' 59 Tuath 00° 01' 59Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 108.80 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 180,005 (2009) | ||||
Dlùths | 1,654.46/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 964 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |