![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/1/11/Potentilla_erecta01.jpg/640px-Potentilla_erecta01.jpg&w=640&q=50)
Cairt-làir
From Wikipedia, the free encyclopedia
’S e lus beag a tha ann an cairt-làir (Beurla: tormentil) (Laideann: Potentilla erecta) air am bi flùraichean brèagha buidhe a’ nochdadh eadar tràth san earrach agus deireadh an fhoghair.
Quick Facts Ainm goirid, Ainm an tacsoin ...
Cairt-làir
Ainm goirid | P. erecta ![]() |
---|---|
Ainm an tacsoin | Potentilla erecta ![]() |
Rang an tacsoin | spèiseas ![]() |
Pàrant an tacsoin | Potentilla ![]() |
Basionym | Tormentilla erecta ![]() |
Seòrsa mheasan | nucule ![]() |
Bheir e dhuinn | freumhan cairt-làir ![]() |
Duais a fhuair e | lus-leighis na bliadhna ![]() |
URL GRIN | https://npgsweb.ars-grin.gov/gringlobal/taxonomydetail.aspx?id=29479 ![]() |
Close
Tha an t-ainm “cairt-làir” a’ cur an céill gun robhas a’ cleachdadh stuth bho a fhreumhaichean (rìosoman) airson lìn agus leathair a chartadh, agus chan ionann ri cairt (rusg) nan craobhan, gun robh e a’ fàs air an làr.
Tha tòrr ainmean eile air sa Ghàidhlig. Seo cuid aca: barra-braonain, bàrr braonan nan con, barra-braonain, braonan, braonan a' mhadaidh-ruaidh, braonan-bachlaig, braonan-fraoich, brisgean, cairt-leamhna, corrachan-mhill a’ choin, dìthean-cartach, eamhan, leamhnach, leanartach, neamhanan, neamhargan an fhraoich